An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
Anns a’ phìos seo, tha Alasdair Sheorais ag innse mu dheoghainn biadh cumanta a bh’ aca nuair a bha e 'na òige ann a’ Gabrus. A’ fàs suas air baile-fearainn, bha iomadh seòrsa biadh aca – feòil, glasraich, ìm, `s a' leithid. Tha cuimhn’ aig Alasdair air sealgaireachd agus air iasgach cuideachd, agus gu robh na féidh `s an trosg gu math pailt aig an àm ud.
Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain
In this clip, Alex George tells about foods that were common in his youth in Gabarus. Growing up on a farm, his family had the staples – meat, vegetables, butter, etc. He also remembers hunting and fishing, adding that deer and codfish were very plentiful at the time.
Dans ce clip, Alex George nous parle des aliments qu’on consommait couramment dans sa jeunesse à Gabarus. Il a grandi dans une ferme et sa famille consommait les produits de la ferme : viande, légumes, beurre, etc. Il se rappelle aussi qu’on allait à la chasse et à la pêche et qu’il y avait beaucoup de chevreuils et de morues à l’époque.
Rugadh Alasdair mac Sheòrais `ic Iain `ic Iain ann an Lèig Gabarus. Chuir e seachad iomadh bliadhna `g obair mar shaor aig Daingneach Louisbourg agus rinn e obair air na rathaidean móra cuideachd. B’ ann às Uibhist a Tuath a bha a chuideachd agus shuidhich `ad ann an Siorramachd Cheap Breatainn. Chleachd Alasdair a bhith a dh’éisteachd ri ceòl math nuair a bha e `fas suas ann an Gabarus; bhiodh athair `cluich air a’ bhocsa agus bha a bhràthair na fhidhlear ainichte `san àite. Bho chionn goirid, thog Alasdair fhéin an fhidheal agus tha e as deoghaidh roinn dhiubh a dheanamh.
Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain
Alex George MacLean was born in Gabarus Lake. He worked for many years as a carpenter at the Fortress of Louisbourg and has also done road construction. His ancestors came from North Uist and settled in Cape Breton County. Alex heard lots of music growing up, with his father playing the accordion and his brother Johnny Neil being a noted fiddler in the area. In recent years, Alex himself has picked up the fiddle and has even made several in his spare time.
Alex George MacLean est né à Gabarus Lake. Il a été pendant de nombreuses années charpentier à la forteresse de Louisbourg et a également fait des travaux routiers. Ses ancêtres étaient originaires de North Uist et se sont établis dans le comté du Cap-Breton. Il y avait beaucoup de musique dans sa jeunesse, puisque son père jouait de l’accordéon et son frère Johnny Neil était un violoneux notoire dans la région. Plus récemment, Alex lui-même s’est mis à jouer du violon et en a même fabriqué plusieurs dans ses loisirs.
Tha aran `na bhiadh àbhaisteach do Ghàidheil Cheap Breatainn. `S an t-seann aimisir, dheanadh bean an taighe buileann arain a h-uile gach là a dh'itheadh an teaghlach. Bhìte a' deanadh lofa dhùbailte air Di sathairne los nach biodh aca ri còcaireachd a dhèanadh air Là na Sàbainn. Anns a’ phìos seo, tha Màiri ag innse mu `n dòigh air aran a dhèanadh agus na stuthan a dh'fheumas a dhol ann.
Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain
A common food in Cape Breton Gaels’ diet is a loaf bread. Women used to make bread on a daily basis to feed their families; often they would double the batch on Saturday so as not to bake on the Lord’s Day. In this clip, Mary Lynk explains the process and the ingredients needed to make bread.
Le pain était un aliment très répandu chez les Gaëls du Cap-Breton. Les femmes en faisaient tous les jours pour nourrir leur famille. Souvent, elles faisaient une double fournée le samedi pour ne pas avoir à en faire le Jour du Seigneur. Dans ce clip, Mary Lynk explique la marche à suivre et les ingrédients pour faire du pain.
`S ann às a' Ruid Mhóir, Siorramachd Ceap Breatainn, a tha Màiri NicDhòmhnaill bean-phòsda Laing. Chaidh a togail an taigh a sin seanmhar, té Oighrig Nic an Fhucadair. `S ann aig Oighrig a thog Màiri a cuid Ghàidhlig. Cha robh lideag do Bheurla aig Màiri nuair a chaidh i dhan taigh-sgoil. Chaochail Oighrig as deoghaidh dhi aois ceud bliadhna `s a' naoi a’ ruigheachd. Thàinig muinntir Mhàiri à Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, far an do rugadh Oighrig. Thog Màiri, `s an duine aice, sianar chloinneadh air a’ Ruid Mhóir, far a bheil i fhathast a’ fuireach ann.
Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain
Mary Lynk (neé MacDonald) was born in Big Ridge, Cape Breton County. She was raised in a Gaelic speaking home with her great grandmother, Effie Walker. Effie was born in Stornoway, Lewis. She reached the remarkable age of one hundred and nine. Mary raised a family of six in Big Ridge, where she resides today.
Mary Lynk (née MacDonald) est née à Big Ridge, dans le comté du Cap-Breton. Elle a été élevée dans une maison où l’on parlait le gaélique, avec son arrière-grand-mère, Effie Walker. Effie elle-même était née à Stornoway, dans l’île de Lewis. Elle a vécu jusqu’à l’âge remarquable de 109 ans. Mary elle-même a élevé une famille de six enfants à Big Ridge, où elle habite encore aujourd’hui.
B' ann tric a bha deoch bhàn air a h-òl aig àm an fheòir. Tha min-choirce `ga cuir am bogadh an uisge fuar fad a' dhà neo tri uairean. An uair sin, théid am measgachadh a shìoladh agus òlar a’ sùgh. Nì an deoch bhàn ùrachadh do dh'obraichean a bhios sgìth air là teth `s iad eadar lòn.
Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain
A beverage often prepared during the haymaking season was that of “deoch bhàn” an oatmeal drink. The process is as follows: soak oatmeal in cold water, let sit for two to three hours, strain and drink the remaining liquid. Deoch bhàn is a refreshing drink for tired workers in-between meals on a hot day.
Le deoch bhàn est une boisson à base d’avoine, souvent préparée lors de la saison des foins. La préparation consiste à tremper l’avoine dans de l’eau froide, à la laisser reposer pendant deux à trois heures, puis à passer le liquide à la passoire. On boit la boisson ainsi obtenue. Il s’agit d’une boisson rafraîchissante pour les travailleurs fatigués, entre les repas, lors des journées chaudes.
Modh bìdh
Deoch Bhàn
Min-choirce
Uisge
Cuir min-choirce am bogadh ann an uisge fuar fad a dhà, na trì uairean. Faigh cuidhteas a’ mhin-choirce fhéin le sìolachan. Òl an t-uisge anns a robh a’ mhin-choirce air a bogadh. Faodar an deoch seo a ghabhail à siuga air là teth, bruthainneach `s daoine amuigh a’ cur ri obair throm.
A refreshing drink often taken by workers in the hay fields.
Boisson rafraîchissante souvent consommée par les travailleurs dans les champs qui coupaient les foins.
`S ann às a' Ruid Mhóir, Siorramachd Ceap Breatainn, a tha Màiri NicDhòmhnaill bean-phòsda Laing. Chaidh a togail an taigh a sin seanmhar, té Oighrig Nic an Fhucadair. `S ann aig Oighrig a thog Màiri a cuid Ghàidhlig. Cha robh lideag do Bheurla aig Màiri nuair a chaidh i dhan taigh-sgoil. Chaochail Oighrig as deoghaidh dhi aois ceud bliadhna `s a' naoi a’ ruigheachd. Thàinig muinntir Mhàiri à Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, far an do rugadh Oighrig. Thog Màiri, `s an duine aice, sianar chloinneadh air a’ Ruid Mhóir, far a bheil i fhathast a’ fuireach ann.
Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain
Mary Lynk (neé MacDonald) was born in Big Ridge, Cape Breton County. She was raised in a Gaelic speaking home with her great grandmother, Effie Walker. Effie was born in Stornoway, Lewis. She reached the remarkable age of one hundred and nine. Mary raised a family of six in Big Ridge, where she resides today.
Mary Lynk (née MacDonald) est née à Big Ridge, dans le comté du Cap-Breton. Elle a été élevée dans une maison où l’on parlait le gaélique, avec son arrière-grand-mère, Effie Walker. Effie elle-même était née à Stornoway, dans l’île de Lewis. Elle a vécu jusqu’à l’âge remarquable de 109 ans. Mary elle-même a élevé une famille de six enfants à Big Ridge, où elle habite encore aujourd’hui.
Nuair a bha sinn a’ bruidhinn ris na seann Ghàidheil mu dhéidhinn biadh, chuir gach neach cudthrom air nach rachadh rud sam bith a dholaidh; mar a thuirt Alasdair, “bha a’ h-uile sian `deanamh feum.” Anns a’ bhidio seo, tha Alasdair a’ bruidhinn mu dhéidhinn biadh coltach ris a' mharag gheal agus `s e Currac a’ Rìgh an t-ainm a thug `ad oirre. Chleachd `ad stamag bheag as a’ mhàrt mar a chleachadh `ad na caolain leis na maragan. Bhiodh `ad `ga lìonadh le uinneanan, salann, piopair, geir agus min-choirce, min bhuidhe neo buntàta. Bu tric a ghabhadh `ad seo aig àm na Nollaig.
Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain
When talking about food with our community Gaelic speakers, all emphasized that nothing would be wasted when food was prepared. In this video, Alex George talks about a dish similar to white puddings known as Currac a’ Rìgh (The King’s Hat), in which a small cow's stomach would be used as a casing. The stomach would be filled with onions, salt, pepper, fat, and either oatmeal, cornmeal or potatoes. This dish would often be enjoyed at Christmastime.
Lorsqu’on parle de nourriture avec les gens qui parlent le gaélique dans notre communauté, ils soulignent tous qu’on ne gaspillait jamais rien quand on préparait les aliments. Dans cette vidéo, Alec George parle d’un plat semblable aux boudins blancs appelés currac a’ rìgh (« le Chapeau du Roi »). Pour le préparer, on prenait un petit estomac de vache et on le remplissait d’oignons, de sel, de poivre, de graisse et soit d’avoine, soit de farine de maïs, soit de pommes de terre. On consommait souvent ce plat à Noël.
Currac a' Rìgh
Còmhradh 'ga chumail eadar Eamag Dhòmhnallach 's Séidheag NicIlleMhaoil 's Alasdair MacIlleathain (mac Sheòrais 'ic Iain 'ic Iain), Léig Ghabarus, Siorramachd Cheap Breatainn
Eamag Dhòmhnallach: So, an innis dhuinn mu dheidhinn Currac a' Rìgh 's e....dé bh' ann?
Alasdair MacIlleathain: Stamag bheag, stamag bheag ás a' bheòthach, mar gum bitheadh, the small stomach.
Eamag: Seadh. Agus, dé chuireadh tu a-staigh?
Alasdair: Uill, chuireadh tu an aon rud ann agus a bhiodh tu 'cuir ann am maragan.
Eamag 's Séidheag NicIlleMhaoil: Oh, sheadh.
Eamag: Ach, bha 'ad na 's bige, na na 's lugha.
Alasdair: Oh, bha 'ad mór. An uair sen, nuair a bha i ' bruich, gheobhadh tu sgian agus o, a bhiodh tu 'ga gearradh suas ann a … sheadh.
Séidheag: Gu dé na rudan a bha 'dol astaigh ann?
Alasdair: An aon rud a bha 'ad a' cur ann am maragan.
Séidheag: Agus, a....
Alasdair: Uinneanan 's salann 's peabar 's be dé agus dé mar a chanadh thu lard?
Eamag: Geir.
Alasdair: Geir, ah hah.
Eamag: Dé àm dhe 'n bhliadhna a dhèanadh 'ad sin?
Alasdair: Huh?
Eamag: Dé àm dhe 'n bhliadhna a dhèanadh 'ad sin?
Alasdair: O 'n Nollaig, mun cuairt air na Nollaig … bhiodh 'ad a' dèanamh.
Séidheag: Gu dé an t-ainm a thug 'ad air a' sin?
Alasdair: Currac a' Rìgh.
Séidheag: Shin agad e! Currac a' Rìgh.
Tar-sgrìobhadh: Nona MacDonald-Dyke
Air a dheasachadh le: Sgioba a' Phroiseigt
Modh bìdh
Currac a’ Rìgh
Maodal bheag
Uinneannan
Salann
Piobar
Geir
Min-choirce
(Mura bi min-choirce air làimh, nì min-bhuidhe air neo buntàta a’ chùis)
Glan `s tiormaich a’ mhaodal. Measgaich na stuthan eile ann am bobhla. Lìon a’ mhaodal leis na stuthan agus dùin i le sreang. Càirich i ann am pana-rostaidh `s a bheil uisge goileach. Leig leatha bruich mu thuaiream uair gu leth. Dean toll oirre le fighe-bhior los nach sgàin a’ mhaodal. Nuair a bhios i bruich, fraighig i agus cuir air a’ bhòrd i le buntàta agus tuirneapan, airneo sgonn do dh’aran, na rola.
A dish often had a Christmastime, similar to white pudding.
Plat souvent consommé à Noël et semblable au boudin blanc.
Rugadh Alasdair mac Sheòrais `ic Iain `ic Iain ann an Léig Gabarus. Chuir e seachad iomadh bliadhna `g obair mar shaor aig Daingneach Louisbourg agus rinn e obair air na rathaidean móra cuideachd. B’ ann às Uibhist a Tuath a bha a chuideachd agus shuidhich `ad ann an Siorramachd Cheap Breatainn. Chleachd Alasdair a bhith a dh’éisteachd ri ceòl math nuair a bha e `fas suas ann an Gabarus; bhiodh athair `cluich air a’ bhocsa agus bha a bhràthair 'na fhidhlear aithnichte `san àite. Bho chionn goirid, thog Alasdair fhéin an fhidheal agus tha e as deoghaidh roinn dhiubh a dheanamh.
Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain
Alex George MacLean was born in Gabarus Lake. He worked for many years as a carpenter at the Fortress of Louisbourg and has also done road construction. His ancestors came from North Uist and settled in Cape Breton County. Alex heard lots of music growing up, with his father playing the accordion and his brother Johnny Neil being a noted fiddler in the area. In recent years, Alex himself has picked up the fiddle and has even made several in his spare time.
Alex George MacLean est né à Gabarus Lake. Il a été pendant de nombreuses années charpentier à la forteresse de Louisbourg et a également fait des travaux routiers. Ses ancêtres étaient originaires de North Uist et se sont établis dans le comté du Cap-Breton. Il y avait beaucoup de musique dans sa jeunesse, puisque son père jouait de l’accordéon et son frère Johnny Neil était un violoneux notoire dans la région. Plus récemment, Alex lui-même s’est mis à jouer du violon et en a même fabriqué plusieurs dans ses loisirs.
Cunntais air cleasan is miastadh a bhiodh na gillean òga ris air Oidhche Shamhna. Dh’fhalbhadh iad bho thaigh gu taigh is aghaidh choimheach orra.
Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain
An account of the tricks and pranks performed by young boys in the neighborhood Hallowe’en night. They would go from house to house in costume.
Rugadh is thogadh Ailean Ruairidh Aonghais Dhòmhnaill Uilleim ann an taigh a bha làn Gàidhlig ann am Boston Ùr, coimhearsnachd teann air Louisbourg. Thàinig a dhaoine à Leodhas. Dh’obraich e fad a bheatha mar shaor. 'S e sàr sheinneadair a bha 'na athair agus bhiodh a mhàthair math gu seinn 's danns cuideachd. Tha Ailean fhéin na sheinneadair math agus faodar fhaicinn aig luaidhean agus cruinneachaidhean Gàidhlig mun cuairt an eilein.
Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain
Allan MacLeod was born and raised in New Boston, near Louisbourg, Cape Breton. His ancestors came from the Isle of Lewis. Allan worked as a carpenter all his life. His father was a distinguished Gaelic singer and his mother a fine step dancer and Gaelic singer. Allan himself is a well-known Gaelic singer and is often seen at milling frolics and Gaelic gatherings around the island.Allan MacLeod was born and raised in New Boston, near Louisbourg, Cape Breton. His ancestors came from the Isle of Lewis. Allan worked as a carpenter all his life. His father was a distinguished Gaelic singer and his mother a fine step dancer and Gaelic singer. Allan himself is a well-known Gaelic singer and is often seen at milling frolics and Gaelic gatherings around the island.
Allan MacLeod est né et a grandi à New Boston, près de Louisbourg, au Cap-Breton. Ses ancêtres étaient originaires de l’île de Lewis. Allan a été charpentier pendant toute sa vie. Son père était un chanteur gaélique distingué et sa mère une très bonne danseuse de variétés et chanteuse gaélique. Allan lui-même est un chanteur gaélique bien connu et on le rencontre souvent lors des activités liées au foulage et des rassemblements gaéliques dans l’île.
Anns a’ bhidio seo, tha Màiri ni’n Sheòrais `ic Iain `ic Iain ag innse dhuinn mu dheoghainn seann leigheas airson na fuachd neo fiabhrais. Ghoileadh `ad cairt bho `n chraoibh shirist agus dheanadh `ad tì aiste a bhiodh math do dhuine air a robh a' fuachd. Mar a thuirt Màiri, ged a bha blàs eagalach air, rinn e 'n gnothach!
Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain
In this video, Mary MacDonald from Gabarus Lake shares an old cure for colds and fevers. She explains that boiled bark from a cherry tree could be made into a tea that would soothe cold symptoms. She adds – although it tasted awful, it worked!
Dans cette vidéo, Mary MacDonald de Gabarus Lake parle d’un vieux remède pour les rhumes et les fièvres. Elle explique qu’on faisait bouillir de l’écorce de cerisier pour préparer une tisane qui apaisait les symptômes du rhume. Elle ajoute que la tisane avait un goût épouvantable, mais que le remède marchait!
Rugadh Màiri ni’n Sheòrais `ic Iain `ic Iain ann an Léig Ghabrus. Bha a teaghlach làn ciùil; bhiodh a h-athair a’ cluich air a’ bhocsa agus bha a bràthair `na fhidhleir iomraiteach aithnichte. Thàinig a muinntir às Uibhist a Tuath. Tha Màiri toilichte a bhith bruidhinn `s a’ Ghàidhlig fhathast an diugh agus a bhith `g innse naidheachan mu dhéidhinn Léig Ghabhrus nuair a bha i `na nighinn òig.
Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain
Mary MacDonald (née MacLean) was born in Gabarus Lake, Cape Breton County. She comes from a musical family; her father played the accordion and her brother was a well-known fiddler in the area. Her ancestors were emigrants from North Uist. Mary still enjoys speaking Gaelic and telling stories about her youth growing up on a farm in Gabarus Lake.
Mary MacDonald (née MacLean) est née à Gabarus Lake, dans le comté du Cap-Breton. Elle est issue d’une famille de musiciens. Son père jouait de l’accordéon et son frère était un violoneux bien connu dans la région. Ses ancêtres ont émigré de North Uist. Mary aime toujours parler le gaélique et raconter des histoires de sa jeunesse à la ferme à Gabarus Lake.
`S sleamhainn a’ chlach a th’ ann an dorus an taighe mhóir.
- Iain Raghnall MacÌgein
© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Slippery the doorstep to the big house.
- John Rannie MacKeigan
Quand la maison est grande, le seuil est glissant.
- John Rannie MacKeigan
Chan eil a dhìth air an duine shona ach a bhreith.
- Iain Raghnall MacÌgein
© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
The happy man wishes only to be born.
- John Rannie MacKeigan
L’homme heureux ne souhaite que d’être né.
- John Rannie MacKeigan
`S e a’ mhuc shàmhach a `s mòth’ a dh’itheas.
- Iain Raghnall MacÌgein
© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
The quiet pig eats the most.
- John Rannie MacKeigan
C’est le cochon le plus calme qui mange le plus.
- John Rannie MacKeigan
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.