An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
Rugadh mi air an deicheamh là fichead do `n mhìos, do `n darna mhìos fa dheireadh dhe `n bhliadhna 1882 aig Cùl na h-Aibhne Deas. Chaidh mo bhaisteadh ann an Eaglais St. Andrew's a' seo air a' chiad là do `n mhìos fa dheireadh `s a' cheart bliadhna.
- Aonghas mac Eóghainn `ic Eóghainn
© Canadian Museum of Civilization, recorded by Gordon MacLennan, 1972, MAC-B-16
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012
A sample of Angus MacPherson's dialect.
Tha niod na circe-fraoich
'S a' mhuileann dubh, 's a' mhuileann dubh
Tha niod na circe-fraoich
'S a' mhuileann dubh bho shamhradh
Tha 'm muileann dubh air thuraman
Tha 'm muileann dubh air thuraman
Tha 'm muileann dubh air thuraman
'S e togairt dol a dhannsa
Bidh an crodh a' breith na laogh
'S a' mhuileann dubh, 's a' mhuileann dubh
Bidh an crodh a' breith na laogh
Anns a' chiad mhìos dhen t-samhradh
Tha 'm muileann dubh air thuraman
Tha 'm muileann dubh air thuraman
Tha 'm muileann dubh air thuraman
'S e togairt dol a dhannsa
Bidh cur is cathadh sneachd ann
'S a' mhuileann dubh, 's a' mhuileann dubh
Bidh cur is cathadh sneachd ann
'S a' mhuileann dubh, 's a' gheamhradh
Bidh an donas ann le adhaircean
'S a' mhuileann dubh, 's a' mhuileann dubh
Bidh an donas ann le adhaircean
'S a' mhuileann dubh, a's an oidhche
Muileann Dubh, Catrìona ni'n Lachlainn Steaphainn Aonghais Iain, Baile Mhoirein
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012
The Black Mill, Catherine MacKenzie (née Gillis), Morristown
Sìne: Cha creid mi gu bheil an iasg an diugh glé mhath. Tha móran, móran truilleis a's a' chuain.
Séidheag: Oh, tha.
Sìne: Tha a h-uile truilleis ann a's a' chuain.
- Sìne ni'n Mhurchaidh Dhòmhnaill
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012
Sample of Jean MacKay's dialect.
Harvey Peutan a’ danns ann an Haileafeags `s a' Chéitean 2011. Ceòl le Howie Dòmhnallach aig Dannsa Cheap Breatainn.
The Reel of Cluny - Ruidhle - Joseph Lowe
'Air a chleachdadh le cead.
Harvey Beaton stepdancing at the Cape Breton dance in Halifax, May 2011. Music provided by Howie MacDonald.
The Reel of Cluny - Reel - Joseph Lowe
Used wiith permission.
Stapan aig Ruaraidh mac Alasdair Aonghas `ic Choinnich Shandaidh Fhionnlaigh. Howie Dòmhnallach air a’chlàrsaich mhóir, Glenn Greumach air an fhidhill 's Sandaidh Dòmhnallach air a’ghiotàr.
'Air a chleachdadh le cead.
Steps by Rodney MacDonald. Howie MacDonald on keyboard, Glenn Graham on fiddle, and Sandy MacDonald on guitar.
Used with permission.
`S ann à Màbu a tha Ruaraidh mac Alasdair Aonghas `ic Coinnich Shandaidh Fhionnlaigh. Dh’obraich e mar neach-teagaisg, tha e 'na fhear ciùil, thug e greis 'na phrìomhair air Albainn Nuaidh, agus tha e a nist 'na CEO ùr a th’ aig Colaisde na Gàidhlig ann an Camus Anna. Tha teaghlach Ruaraidh làn ciùil agus thàinig `ad à Lochabar o thùs. `S e fìdhlear `s co-ghleusaiche cliùiteach a bh’ ann an athair a mhàthair, Dòmhnall Aonghais Raghnaill. Ainmeil mar dhannsair, tha Ruaraidh sònraichte air an fhìdhill airson dannsairean.
Neach-aithris: Séidheag Nic’illeMhaoil
Rodney MacDonald, of Mabou, Inverness County, is an educator, musician, former Premier of Nova Scotia and the newly appointed CEO of the Gaelic College in St. Ann’s. Rodney comes from a musical family, whose origins are in Lochaber. His mother’s father was the great fiddler and composer, Donald Angus Beaton. In English the family's handle is "The Kenny Sandy Finlay's". A step dancer himself, Rodney is admired for his dance style and fiddle playing.
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.