An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
Naidheachd fhuadain mu bhana-bhuidseach ris an canadh iad an Doideag Mhuileach. Chaidh triùir iasgairean gu taigh na caillicheadh, feuch an togadh i soirbheas dhaibh. Thug i dhaibh snàithlean `s trì snaoimeannan air a bha ri fhuasgladh as deaghaidh a chéile. Chaidh sin a dheanadh aig muir. `S gann gun d’rinn iad an cladach dheth.
Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain
A migratory legend concerning a witch in Scotland, known as the Doideag Mhuileach. Three fishermen went to her house on a calm day to see whether she could raise a breeze for them. She gave them a thread with 3 knots which they were to open one after the other. They did so while at sea, and barely reached the shore.
Thàinig a’stòiraidh a leanas o Dhòmhnall MacFhionghain…. Bha e aon uair a’ fuireach air taobh a tuath a' Bhail’ an Ear … a' Bhèidh an Ear. Bha aon uair ann an Eilean Mhuile, cailleach bheag a’ fuireach ris an canadh iad An Doideag Mhuileach. Bha i mu chóig traighean a dh’ aìrde, agus glé leathan anns an màsan. Bha i `cumail amach gu robh cumhachd mór aic' air nithchean agus air nàdar dhaoine eile.
Latha do na làthaichean, chaidh triùir iasgairean amach a dh'iasgach ann am fianais taigh na caillich. Agus bha a’ mhuir glé chiùin, cho ciùin `s nach robh an t-iasg a’ gabhail ro mhath `s bu mhath leotha. Chual' iad mu dheoghainn na caillich fada roimhe sin. Agus rinn iad suas eatorra gun deigheadh iad gu taigh na caillich feuch a faigheadh iad amach an deigheadh aice air sìon a dheanamh air an son. Bha an taigh ùine bheag o `n a’ chladach agus bha móran sprèidh ag ionaltradh anns an achadh.
Agus, chuir a’ chailleach fàilte chridheil orra. Dh’inns iad dhi an gnothach air a robh iad `dol dha h-ionnsaigh agus thuirt i, “Gu dearra, ma `s urrainn dhomhsa sìon a dheanamh air ur son, nì mi e.”
“Uill,” ars’ às-an, “bidh sinn glé thoilichte.”
“Ma tha,” ars’ ise, “bheir mise dhuibh snàithlean.”
Snàithlean, sin agad snàth clòimh trì no ceithir a dh’ fhillte gus am biodh e car reamhar. Agus, chuir i trì snaoimeannan air. Is thuirt i, “Ma bha e ro chiùin `son an t-iasg a dh’ iasgach, fuasgail a’ cheud snaoim, agus bidh soirbheas na `s treasa agus gluaisidh am bàta air n-ais no air n-adhart mar `s math leibh.”
Thug iad taing dhi agus rinn iad sin. Chaidh iad amach an dàra h-uair agus nuair a dh’ fuasgail iad a’ cheud snaoim, bha am bàta a’ dol air n-adhart mar bu mhath leotha `s bha an t-iasgach glé mhath.
Ach co-dhiubh, smaointich aon fhear gum bu chòir dhaibh an dàra snaoim fhuasgladh feuch a robh cumhachd na caillich cho làidir `s bha i cumail amach. Seo a rud a rinn iad. Ach bha soirbheas ro làidir buileach. Agus, rinn sin diofar air an iasgach. Ach co-dhiubh, fhuair iad na bu mhath leotha do dh’ iasg. Agus bha latha brèagha, grianach ann. Agus rinn iad suas gu robh an t-àm aca a dhol gu tìr, a dhol dhachaigh. Agus thuirt fear dhiubh, “Seach gu bheil sinn réidh a dh’iasgaich `s gun d’fhuair sinn na bu mhath leinn dhe `n iasg, tha mise `dol a dh’fhuasgladh an treas snaoim, feuch a bheil cumhachd na caillich cho làidir `s tha i cumail amach.”
Seo a rud a rinn iad.
Ach, chaidh an t-uamhas ... mu làn buileach. Chuir e car dhen bhàta, chaill iad an t-iasg, chaill iad na ràimh, agus cha robh sìon ach gun d’fhuair iad fhéin beò gu tìr. Ach, cho grianach `s gu robh a’ latha, mun d’fhuair iad iad fhéin a shàbhaladh, dhùin na neòil agus chan fhaiceadh iad sìon. Ach co-dhiubh, nuair a fhuair iad gluasad mu `n cuairt air a’ chladach, thug iad sùil agus bha na h-adhaircean uile air an séideadh bhon a' spréidh.
Sin agad a’ rud a dhùin na neòil. Agus b’ e sin màthair cumhachd na caillich. Ach, ma dh’fhaoidte nach e `n fìrinn uile gu léir a th’ anns a’ sgeulachd seo. Ach, ma dh’ fhaoidte gu faigh sinn rudeigin às a bhios feumail co-dhiubh. Chan e rud math a th’ann do dhuine sam bith a bhith ro fhada `na bharail fhéin.
Sin agad stòiridh na caillich.
© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt
A story illustrating the power of a Mull Witch.
Histoire illustrant les pouvoirs d’une sorcière de Mull.
Rugadh Iain Raghnall MacÌgein agus chaidh a thogail ann an Allt nam Breac. Chuir e seachad a bheatha ann an Drochaid Mhira. `S ann do mhuinntir Uibhist a Tuath a bhuineadh a chuideachd. Nuair a chaidh e dha `n sgoil air Rathad Bengal, `s ann `s a' Ghàidhlig a bha `ad a' teagasg, is mar sin thog e sgilean leughaidh is sgrìobhaidh. `S e obair nan rathaidean agus saorsainneachd a bu chosnadh dha. Aig aois 81, bha e fhathast a' togail thaighean! Bha e làn naidheachdan is òran, agus bheireadh e mach a' loidhne cuideachd.
Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain
John Rannie MacKeigan, of North Uist descent, was born and raised in Trout Brook and later moved to Marion Bridge. When he went to school at Bengal Rd, they were teaching Gaelic and he learned to read and write. He was the Superintendant of Highways and enjoyed carpentry very much. He was still building houses at age 81! He had a vast knowledge of story and song and he would precent in church as well.
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.