log asteach
logo

Siorramachdan Antaiginis is Phiogto

Stòraidhean is Naidheachdan

Dòmhnall Mhamaidh

Facal-toisich

Bha Dòmhnall Mhamaidh 'na dhuine deas-bhriathrach. An turas a bha seo, chaidh e casrùisgt' gu taigh faire 's choinnich e ri fear mór a’ sin a thug air rud éibhinn, biorach a ghràdhainn.

Neach-aithris: Lodaidh MacFhionghain

There was a witty character known as Dòmhnall Mhamaidh. One time, he attended a wake barefoot, and encountered a big man there who became the object of his sharp wit.

Dòmhnall Mhamaidh

O chionn faisg air ciad bliadhna air ais bha duine a’ còmhnuidh an Arasaig, am Mórroinn na h-Albann Nuaidhe, ris an canadh iad Dòmhnall Mhamaidh. Ged a bha e car faoin ann an cuid do dhòighean, bha e neo-eisimealach is ainmeil air son a bhi glé dheas-bhriathrach. Thachair dha a bhi air chuairt feadh na dùthcha aon uair, rud air an robh e glé dhéidheil. Có-dhiùbh, oidhche de na h-oidhcheanan thachair dha a bhi an tigh-faire aig ám na h-ùrnuigh. Bha Dòmhnall cas-ruisgte `s e `n a shuidhe faisg air an teine, `n uair a thàinig bodach mór a stigh, `s mar a thuit am breamas anns a’ chùis, sheas e air òrdagan Dhòmhnaill. Thug Dòmhnall leum `n a sheasamh gu grad, `s e toirt sùil’ air a’ bhodach o shàil gu mullach a chinn, thuirt e, “A Fhreasdail `g ar dìon o do leithid, `s truime thu na `n each, `s truime thu na `n damh; `s truime thu na `n elephant mhór a bha a’ tarruing bagaichean an airm `s an àird an ear; a dhiabhoil bhodaich tha thu ann."

Tar-sgrìobhadh: Sgialachdan à Alba Nuaidh
Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain

A story concerning the witty character, Dòmhnall Mhamaidh.

Narrated by Stacey MacLean.

Nìall Stìol

Bha Nìall Stìol `na dheagh neach-bruidhinn na Gàidhlig a bhuineadh dha 'n Bhaile Bheag. Thug e seachad roinn do stòraidhean do C.I.N. MacLeòid a dh'inns mu eachdraidh àiteachan a bh' ann mun cuairt air Siorramachd Phiogto. Ghabhadh e stòraidhean ait air cuid dhe na daoine iomraiteach a bha an cuimhne dhaoine r'a linn.

Neach-aithris: Lodaidh MacFhionghain

Neil Steele was a very good Gaelic-speaker from New Glasgow. He contributed a number of stories to C.I.N. MacLeod concerning local history in the Pictou area. He could tell stories about notable people still remembered during his own day.