log asteach
logo

Siorramachdan Antaiginis is Phiogto

Stòraidhean is Naidheachdan

An t-Each Dubh

Facal-toisich

Air Oidhche Challainn, chaidh Dòmhnall astaigh a chnoc sìdh far a robh danns’ a’ dol. A h-uile neach a’ sin a chanadh trì faclan àraid, gheobhadh e each briagha dubh dha fhéin, agus `s e sin a rinn Dòmhnall. Thill e dhachaidh leis an each, ach chaill e `n t-each as deaghaidh ùine bho nach do chuir e meirg gu chunbhalach air a chluasan mar chaidh innse dha.

Neach-aithris: Lodaidh MacFhionghain

On a New Year's night Donald entered a fairy mound where dancing was going on. Any among the company who could utter a certain three words would receive a fine black course for himself, so that's what Donald did. He returned home with the horse, but after a time he lost it because he neglected to apply rust regularly to its ears as he'd been told to do.

An t-Each Dubh

Bha Iain agus Dòmhnall a’ dol dhachaidh á Merigomish gu Allt Bhàilidh aon uair air oidhche na Calluinne. Thàinig iad le chéile gu sìdhean. Chuala iad ceòl is chunnaic iad solus, is rinn iad calg-dhìreach air an àite. Ràinig iad dorus fosgailte, agus air dhaibh coimhead a steach, chunnaic iad seòmbar mór, farsuing, `s an robh na ciadan dhaoine a’ tionndadh mu’n cuairt `s a’ dannsa. Thuirt Dòmhnall ri Iain, “Tha mise a’ dol a steach a dheanamh tùrn còmhla riutha.” “Dean air do shocair, amadain,” arsa Iain, “tha thìd’ againn a bhi falbh dhachaidh.” Ach, `s ann dìomhain a bha a chomhairle. Mun robh dòigh air bacadh a dheanamh air, sud Dòmhnall `n a dheann seachad air a chompanach, agus leum e a steach do’n t-seòmbar, `s shìn e ri dannsa gu aotrom, cridheil, còmhla ris na sìdhichean, `s dhùnadh an dorus gu teann air a chùlthaobh.

A nis, fhad `s a bha Dòmhnall a’ dannsa `s an t-sìdhean, bha e a’ gabhail aire air gach iomairt a bha a’ dol mu thimchioll. Mar a bha a h-uile duine a’ ruidhleadh mu’n cuairt, dh’ éigheadh aon sìdhiche `n a `m measg trì faclan an cainnt na sìdhichean, augs cho luath `s a dheanadh e sin, dh’ fhosgladh an dorus is thigeadh sìdhiche a steach le each breagha dubh aige air strian. An uairsin, leumadh an duine beag a labhair na trì faclan, air muin an eich, agus sud e a’ marcachd air falbh ás an t-sìdhean mar an dealanaich fhéin.

Thachair so uair is uair. Thigeadh each dubh a steach, is dh’ fhalbhadh sìdhiche eile air muin an eich.

Bha miann a chridhe aig Dòmhnall fhéin air each mar sin fhaighinn, is mar sin chuir e a theanga timchioll air na trì faclan cho fileanta `s a dh’ fhaodadh e; 's dh’ éigh e iad àrd a chlaiginn, agus sud agaibh, mo ghille math ort, each dubh eile a’ tighinn a steach. Leum Dòmhnall air gun dàil, agus ann am mionaid dh’ fhairich e e fhéin còmhla ri ciadan eile d’a sheòrsa, a’ marcachd troimhn choillidh air eich dhubha le luathastar is le sìnteagan gàmagach mar gum biodh iad uile air a chuthach.

Cha robh iad fada gus an d’ ràinig iad na “barrens,” agus chuala iad coileach dubh a’ gairm. Thuirt an sìdhiche a bha a’ marcachd air thoiseach air Dòmhnall, “Is math dhuit-sa gun do ghairm an coileach dubh.” Thuir an sìdiche a bha a’ marcachd air dheireadh air, “Is math dhuit-sa gu dearbh gun do ghairm an coileach dubh gun ite gheal.”

Ann an tiotan dh’ fhairich Dòmhnall e fhéin, leis fhéin a’ marcachd – thuig e an uairsin càit an robh e, is ràinig e dhachaigh.

Cha robh Dòmhnall cinnteach ciamar a dhéiligeadh e ris an each, is mar sin, chuir e a chomhairle ri seann nàbaidh a thuirt ris a h-uile cnap de sheann iarunn a chruinneachadh, agus a’ mheirg a sgrìobadh dheth. Dh’ fheumadh e beagan de’n mheirg sin a chur an cluasan an eich a h-uile maduinn. “Ma nì thu so a h-uile latha gu cunbhalach,” ars’ a nàbaidh, “`s e deagh each a bhios ann dhuit fhéin, `s do d’ mhac, agus `s dòcha do d’ ogha.”

Uill, chum Dòmhnall an t-each fad ochd bliadhna, ach thàinig maduinn a bha sud `n uair a chaidh a’ mhart aige an sàs ann am bogalach. Mar sin, dh’ iarr Dòmhnall air a mhac a’ mheirg a chur an cluasan an eich, mar bu nòs dha fhéin; is thog e rithe le caraid no dhà a shlaodadh na mairt ás a’ bhogalach. Chuireadh e a’ mhaduinn seachad ag obair mar so.

`N uair a thill Dòmhnall `s e a’ chiad rud a thuirt e, an deachaidh freasdal a dheanamh air an each. Mar a thachair, bha barrachd obrach aig a mhac ri dheanamh na b’ àbhaist, is dh’ aidich e nach do chuir e a’ mheirg ann an cluasan an eich idir.

Chaidh Dòmhnall `s a mhac, matà, a mach còmhla do’n t-sobhal, is gu dé a fhuair iad an àite an eich ach seann stoc craoibhe daraich.

Tar-sgrìobhadh:  Sgialachdan á Alba Nuaidh
Neach-aithris: Stéiseag NicGilleathain

A story relating Donald's encounter with the fairies.

Narrated by Stacey MacLean.

Iain MacGille-Bhràth

`S e fear a mhuinntir Allt a’ Bhailidh, faisg air crìoch Shiorrachd Antaiginis, a bh’ ann an Iain MacGille-Bhràth. `Na dheagh sgeulaiche, bha e làn seann seanchais a thànaig anuas bho ghlùin gu glùin `s an teaghlach aige fhéin. Chaidh stòraidh an Éich Dhuibh a chlàradh aige le fear Calum Iain MacLeòid a bha `s an àm air fhastadh ann aig Oilthaigh Fhransaidh Xavier ann an Roinn na Ceiltise. Chaidh a' stòraidh seo fhoillseachadh ann an leabhar stòraidhean a dheasaich Calum Iain fo `n tiotal Sgialachdan á Albainn Nuaidh.

 

Neach-aithris: Lodaidh MacFhionghain

John MacGillivray was a native of Bailey’s Brook, Pictou County. He was a good story teller with a traditional knowledge from his own family and the surrounding area. The Black Horse story was recorded by C.I.N. MacLeod, who taught at the St. F.X. Celtic Department. It was published by MacLeod in a book titled Stories from Nova Scotia.