log asteach
logo

Siorramachd Inbhir Nis

Nòs a’ bhìdh

Biadh is Lòn

Facal-toisich

Anns a’ bhidio seo, tha Mairead ni'n Ghilleasbuig Aonghais a' Chlachair a’ toirt iomradh air biadh a bhiodh aca nuair a bha i `na nighinn òig. Bha an t-iasg pailt `s a’ chuan mun cuairt, féidh `s maighich gu leòr `s a’ choillidh agus deagh bhàrr `s a’ ghàradh teann air an taigh. Bha bonnach, lite, càis’ `s gruth air a’ bhòrd gu math tric cuideachd.

Neach-aithris: Séidheag Nic’illeMhaoil

In this clip, Margaret MacLean (née Beaton) talks about a variety of foods that were common when she was a young girl. Margaret’s family was fortunate to have access to fish from the local harbour, deer and rabbit from the surrounding woods, along with vegetables from their garden. Bonnach, porridge, cheese and curds were also staples in the Beaton household.

Dans ce clip, Margaret MacLean (née Beaton) parle de divers aliments qu’on consommait couramment quand elle était jeune fille. La famille de Margaret avait la chance d’avoir accès au poisson vendu au port du coin, aux chevreuils et aux lièvres chassés dans les bois avoisinants et aux légumes de son propre potager. Le bonnach, le porridge, le fromage et le fromage blanc étaient aussi des articles de base dans la famille MacLean.

See video

SEUMAS: Dé am biadh a bhiodh agaibh a-staigh a's an taigh?

MAIREAD: Oh, mar a th’againn an diugh, bhiodh feòil aca, `s iasg – sgadan `s rionnach `s bradan – agus càise, ‘s gruth. Bha am biadh math. Oh, bhiodh tuirneap `s carrots aca. Cha robh `n uiread do vegetables ann an uair sin, air a robh `s a th ann dràsd.

SEUMAS:  Cha robh.  Cha robh.

© Cainnt mo Mhàthar
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012

Food in the bounty of nature.

Des aliments en abondance dans la nature.

Mairead ni’n Ghilleasbuig Aonghais a’ Chlachair

Rugadh Mairead ni’n Ghilleasbuig Aonghais a’ Chlachair ann am Méinn a’ Ghuail. `S ann do Lochabar a bhuineadh a cuideachd. `Na ban-sgoilear, chuir i seachad bliadhnaichean móra a’ teagasg ann an sgoiltean aon-seòmair air feadh na siorramachd. Bha i fìor dhéidheil air éisteachd ri ceòl na fìdhleadh `ga chluich `s an t-seann nòs.

Neach-aithris: Séidheag Nic’illeMhaoil

Margaret MacLean, a descendent of Lochaber people, was born and raised in Mabou Coalmines. She spent many years teaching in one-room schoolhouses throughout the county. Margaret loved to listen to traditional Cape Breton fiddle music.

Margaret MacLean est une descendante de gens du Lochaber. Elle est née et a grandi à Mabou Mines. Elle a passé de nombreuses années à enseigner dans des écoles d’une seule classe aux quatre coins du comté. Elle adorait écouter de la musique traditionnelle au violon du Cap-Breton.