log asteach
logo

Crìochan Chamuis Anna

Ceòl is Dannsa

Mìcheal Dhòmhnaill Ruairidh Dhòmhnaill, Fìdhlear

Facal-toisich

Ruidhlichean is caismeachdan air an cluich aig cuirm-chiùil, no danns, le Mìcheal MacDhùghaill.

Neach-aithris: Òmar Bhochanan

Reels and marches played at a concert or dance by Mike MacDougall.

Puirt air an cluich le Mìcheal Dhòmhnaill Ruairidh Dhòmhnaill

Am Muileann Dubh - Ruidhle - Traidiseanta
King George’s Reel - Ruidhle - Traidiseanta
Far am Bi Mi Fhìn -Caismeachd luath - Traidiseanta

- Ceòl le Mìcheal Dhòmhnaill Ruairidh Dhòmhnaill

© Ralph Rinzler

Am Muileann Dubh

Tha nid na circe-fraoiche
'S a' mhuilinn dubh, 's a' mhuilinn dubh
Tha nid na circe-fraoiche
'S a' mhuilinn dubh o shamhraidh
Tha nid na circe-fraoiche
'S a' mhuilinn dubh, 's a' mhuilinn dubh
Tha nid na circe-fraoiche
'S a' mhuilinn dubh o shamhraidh

Tha 'm muilinn dubh air thuraman
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
'S e togairt dol a dhannsa
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
'S e togairt dol a dhannsa

Tha an crodh a' breith nan laogh
Anns a' mhuilinn dubh, 's a' mhuilinn dubh
Tha an crodh a' breith nan laogh
Anns a' mhuilinn dubh o shamhradh
Tha an crodh a' breith nan laogh
Anns a' mhuilinn dubh, 's a' mhuilinn dubh
Tha an crodh a' breith nan laogh
Anns a' mhuilinn dubh o shamhradh

Tha 'm muilinn dubh air thuraman
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
'S e togairt dol a dhannsa
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
'S e togairt dol a dhannsa

Far am bi mi fhìn

Sèist
Far am bi mi fhìn is ann a bhios mo dhòchas
Far am bi mi fhìn is ann a bhios mo dhòchas
Far am bi mi fhìn is ann a bhios mo dhòchas
Far am bi mi fhìn bidh mo dhòchas ann

Théid mi fhìn is Sìne null gu taigh a' phìobair
Théid mi fhìn is Sìne null gu taigh a' phìobair
Théid mi fhìn is Sìne null gu taigh a' phìobair
'S nì sinn brod an ruidhle leinn fhìn air an làr

'S mur toir am pìobair port dhuinn airson ruidhle
'S mur toir am pìobair port dhuinn airson ruidhle
'S mur toir am pìobair port dhuinn airson ruidhle
'S ann a bheir sinn sgrìob chun an fhìdhlear bhàn

Siubhal air na cladaichean 's a' coiseachd air a' ghainmhich
Siubhal air na cladaichean 's a' coiseachd air a' ghainmhich
Siubhal air na cladaichean 's a' coiseachd air a' ghainmhich
Far am bi mi fhìn bidh mo dhòchas ann

Tunes by Mike MacDougall.

Mìcheal Dhòmhnaill Ruairidh

`S ann an Ingonish a chaidh Mìcheal Dhòmhnaill Ruairidh Dhòmhnaill a bhreith is a thogail.  Thàinig cuideachd Mhicheil à Barraigh. `S e bhith `g iasgach a bu chosnadh dha, ach `s ann airson a chuid fhìdhleireachd a bha e ainmeil. `S e taigh céilidh a bh' aig Clann Dùghaill, teaghlach a bha làn chiùil.  Bu mhinig a dheigheadh Mìcheal dha `n Chladach a Tuath a sheinneadh an fhìdheall aig dannsaichean. 

Neach-aithris: Òmar Bhochanan

Mike MacDougall was born and raised in Ingonish.  His people came from Barra.  He was a fisherman by trade, but famous for his outstanding fiddling.  People would come from all over to the MacDougall house to hearing piping, fiddling, and song.  The family was noted as being very musical.  Many times, Mike would head down to the North Shore to play for dances there.