log asteach
logo

Siorramachd Inbhir Nis

Ceòl is Dannsa

Coinneach MacCoinnich, Pìobaire

Facal-toisisch

Chìthear a's a' phìos seo pìobaire air leth a' seinn sreath do phuirt; srath spé agus ruidhlichean 'nam measg.  Cluinnear cuideachd beagan seanchais aig Coinneach.  `S e Seònaid Cluett a ghabhas danns ann.

Neach-aithris: Séidheag Nic’illeMhaoil

In this piece, you'll see a terrific piper playing a few tunes, a strathspey and a couple of reels.  You'll hear also a little bit about the piper himself, Kenneth MacKenzie.  Jenny Cluett gives a dance at the end of the video.

See video

Calum Crùbach - Srath Spé - Traidiseanta

Muileann Dubh - Ruidhle - Traidiseanta

Dan J Campbell - Ruidhle - Traidiseanta

Calum Crùbach

Calum Crùbach ás a’ ghleann
Cum thall na caoraich uile
Calum Crùbach ás a’ ghleann
Cum thall na caoraich

Cum thall; na toir a nall
Cum thall na caoraich uile
Cum thall; na toir a nall
Cum thall na caoraich

Muilean Dubh

'S iomadh rud nach saoil sibh
'S a' mhuilinn dubh, 's a' mhuilinn dubh
'S iomadh rud nach saoil sibh
'S a' mhuilinn dubh o shamhraidh
'S iomadh rud nach saoil sibh
'S a' mhuilinn dubh, 's a' mhuilinn dubh
'S iomadh rud nach saoil sibh
'S a' mhuilinn dubh o shamhraidh

Tha 'm muilinn dubh air thuraman
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
'S e togairt dol a dhannsa
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
'S e togairt dol a dhannsa

Tha nid na circe-fraoiche
'S a' mhuilinn dubh, 's a' mhuilinn dubh
Tha nid na circe-fraoiche
'S a' mhuilinn dubh o shamhraidh
Tha nid na circe-fraoiche
'S a' mhuilinn dubh, 's a' mhuilinn dubh
Tha nid na circe-fraoiche
'S a' mhuilinn dubh o shamhraidh

Tha 'm muilinn dubh air thuraman
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
'S e togairt dol a dhannsa
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
Tha 'm muilinn dubh air thuraman
'S e togairt dol a dhannsa

Tunes by Kenneth MacKenzie.

Coinneach mac Raghnaill Aonghais Raghnaill Chlachair à Gearradh Bhailteas

`S ann à Méinnean Mhàbu a tha Coinneach mac Raghnall Aonghais (Raghnaill Chlachair à Gearradh Bhailteas). Dh’imrich athair às Uibhist a Deas gus a theaghlach a thogail ann am Màbu. `S e NicMhuirich a bu mhàthair athar dha, bho theaghlach a bha beairteach ann an dualchas, gu h-àraid ann am pìobaireachd. Chaidh Coinneach a thogail leis a’ Ghàidhlig agus ghabh e suim 's a' phìob dar a bha e `na ghill’ òg. `S a' là `n diugh, tha Coinneach `na innleadair aig Halifax Biomedical. Tha e ainmeil math gu pìobaireachd `s fìdhlearachd agus gheobhar gu tric e ann an cuideachd a bhràithrean, Aonghas `s Calum. Tha Aonghas `na phìobair' iomraiteach agus tha Calum air leth math air an fhidhill `s air a’ phiano.

Neach-aithris: Séidheag Nic’illeMhaoil

Kenneth Archibald MacKenzie is from Mabou Coal Mines. His father, Ronald, is a native Gaelic speaker from South Uist who emigrated to Mabou to raise his family. Kenneth’s paternal grandmother was from the Currie family of South Uist, who were renowned for their cultural traditions, especially in piping. Kenneth was brought up with the Gaelic language and took an interest in bagpiping when he was a child. Today, Kenneth is an engineer and works at Halifax Biomedical in Mabou. He is a well-regarded player on the highland pipes, border pipes and fiddle and is often found in the company of his brothers Angus, also an esteemed bagpiper, and Calum, a fine fiddler and piano player.