An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
Tha niod na circe-fraoich
'S a' mhuileann dubh, 's a' mhuileann dubh
Tha niod na circe-fraoich
'S a' mhuileann dubh bho shamhradh
Tha 'm muileann dubh air thuraman
Tha 'm muileann dubh air thuraman
Tha 'm muileann dubh air thuraman
'S e togairt dol a dhannsa
Bidh an crodh a' breith na laogh
'S a' mhuileann dubh, 's a' mhuileann dubh
Bidh an crodh a' breith na laogh
Anns a' chiad mhìos dhen t-samhradh
Tha 'm muileann dubh air thuraman
Tha 'm muileann dubh air thuraman
Tha 'm muileann dubh air thuraman
'S e togairt dol a dhannsa
Bidh cur is cathadh sneachd ann
'S a' mhuileann dubh, 's a' mhuileann dubh
Bidh cur is cathadh sneachd ann
'S a' mhuileann dubh, 's a' gheamhradh
Bidh an donas ann le adhaircean
'S a' mhuileann dubh, 's a' mhuileann dubh
Bidh an donas ann le adhaircean
'S a' mhuileann dubh, a's an oidhche
Muileann Dubh, Catrìona ni'n Lachlainn Steaphainn Aonghais Iain, Baile Mhoirein
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012
The Black Mill, Catherine MacKenzie (née Gillis), Morristown