An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (4/24/18)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
Air a h-aithris le Annag ni’n Iain Alasdair `ic Aonghais Ailein, Rubh' an t-Seallaidh, Siorramachd Inbhir Nis. Air a clàradh le 's air a tar-sgrìobhadh le Coinneach mac Raghnaill.
Coinneach: Saint Swithin?
Annag: Saint Swithin. ‘S e Naomh a bh’ ann.
C: Ok.
A: Chan eil fhios a’m dé naidheachd a bh’ann. Cha do dh’fhoighneach mi riamh ach, chuala mi siod bho chionn fhada. Bhiodh iad fo chùram dar a bhiodh àm an fheoir ann.
C: Ok.
A: Nan deanadh i ‘n t-uisge air a chóigeamh là deug do July. Uill, cinnteach ri Dia, cha robh sian do feur ann tuillidh. Cha chuireadh ‘ad feur a-staigh an uair ud bog, a chionn rachadh e na theine! Ach tha iad an-dràst’, tha iad ga dheanadh suas, tha e bog fliuch. [
C: So, ma bha an t-uisge ann air am 15th?
A: Air a chòigeamh latha deug do July, bhiodh an t-uisge ann fad dà fhichead là. Agus bha siod cho fireannach ri Dia. Bhiodh là air choireigin, theagamh gum biodh fras ann, na trì no ceithir fhrasan, ach uaireigin feadh a’ là, bha thu dol a dh’fhaighinn beagan do dh’uisge. Agus gheobhadh tu sin, ‘spùdadh gun stad!
C: A bheil sin ceart? Saint Swithin.
A: Saint Swithin. Ach o bha siod ‘s an naidheachd bho chionn fhad’ an t-saoghail. O bha na tuathanaich uile dìreach a’ cumail sùil air a’ chóigeamh là deug – chan eil fhios a’m dé mu dheidhinn na tuathanaich nach robh nan Caitligich. Ach, na Caitligich, bha iad – o! – cho cinnteach ‘s a bhiodh an t-uisge ann air a’ chóigeamh là deug do July, cha robh an t-side ` dol a bhith ro thioram fad an t-samhradh.
© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Coinneach mac Raghnaill
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.