An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (5/6/15)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
Air a h-aithris aig Niall mac Ruairidh 'ic Nìll 'ic Iain 'ic Eóghainn, nach maireann. Rugadh 's thogadh e ann am Baile Sheumais, Siorramachd Bhioctoria.
Thuirt an Gearran ris an Fhaoilleach,
Cà’ na dh’fhàg thu ‘n gamhainn bochd?
Dh’fhàg mi e ’s a shùil air an t-sop.
Ma dh’fhàg thusa leis a shùil air an t-sop,
Cuiridh mis’ a sheich air a’ sparr.
Labhair an uair sin am mìos Màrt
Ma gheibh mise aon shèideadh dha
M’ anail eadar a dhà chluais,
Cuiridh mi earball air a dhruim
Suas an t-Earrach.
© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Nona MacDonald-Dyke
Air a dheasachadh le: Sgioba a' Phroiseigt