log asteach
logo

The Living Bridge » Ceòl is Dannsa

Am Muileann Dubh: Port air a Chroiseadh

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Am Muileann Dubh: Port air a Chroiseadh

Air a h-innse aig Aonghas Eòghainn Aonghais a rugadh ann an Inbhir Nis is chaidh a clàradh ann an Acarsaid Màbu.

Trup a bha sin, trup a bha sin an Albainn, bha duine tinn fuireach ann a' sloc do dh' àite an taobh thall dhe 'n allt mhór a bha seo 's chuir iad fios dh' ionnsaigh an t-sagairt. Bha 'n creideamh an uair 'ud, bha, dh' fheumadh tu falbh, dh' fheumadh sagart falbh 's an oidhche agus nuair ruigeadh e an taigh 's a robh an urra thinn, dh' fheumadh iad bratan a chur air na h-uinneagan na bhiodh na Sasannaich a' coimhead astaigh agus geidsearan aca dhe 'n a h-uile seòrsa - saighdearan - 's bha cead ac' air do chur 's a' phrìosan.
Ach co dhiubh, an oidhiche seo bha sagart - dh' fhalbh e air muin eich - agus bha e 'dol sios seachad air a' mhuileann-bleith a bha seo anns an allt is dh' fhairich e am port a bha seo. 'S bha e fhéin 'na fhìdhleir 's 'na leth sheòrs' do phìobaire, agus dh' fhairich e am port "Nead na Circe Fraoich". Agus dar a dh' fhairich e am port, bha am port cho sunndach 's cho math 's chuir e stad air an each 's bha e 'g éisdeachd gus a robh am port deas. 'S nuair a bha am port deas, dh' fhairich e gàire mór, cridheil astaigh 's an dorchadas anns a' mhuileann.

"Chaill thu an t-anam!" thuirt a' fear a bha astaigh. "Chaill thu an t-anam!"

'S bha e gàireachdaich 's bha e 'magadh air 's 's ann an uair sin a chuir a' sagart na stiorapan anns an taobh an eich. Dh' fhalbh e dh' ionnsaigh an àit' a robh aige ri dhol far a robh an duine tinn 's nuair a fhruig e, bha 'n duine marbh.

Agus, dh' fhalbh e 's chrois e 'm port; bha e 'gràdhainn nach robh còir aig feadhainn a bhith cluith' a' phuirt gu bràcha, gu tuillidh. Ach, tha e air a chluith' dh' ionnsaigh a' là an diugh. 'S e seo mar a bha e 'falbh:

'S tha nead na circe fraoich
Anns a' mhuileann dubh, 's a' mhuileann dubh
'S tha nead na circe fraoich
Anns a' mhuileann dubh bho shamhradh.

'S tha 'm muileann dubh air thurraman
'S tha 'm muileann dubh air thurraman
'S tha 'm muileann dubh air thurraman
'S tha togairt dol a dhannsa

'S tha iomadh rud nach saoil sibh
'S a' mhuileann dubh, 's a' mhuileann dubh
'S tha iomadh rud nach saoil sibh
'S a' mhuileann dubh bho shamhradh

'S tha 'm muileann dubh air thurraman
'S tha 'm muileann dubh air thurraman
'S tha 'm muileann dubh air thurraman
'S tha togairt dol a dhannsa

Shin agad a' stòraidh bh' air "Nead na Circe Fraoich", port cho math 's a chaidh a dheanamh riamh. Bhiodh iad 'ga ghabhail nam b' e an deamhan a rinn e, nach biodh?

Please login or register if you'd like to respond.