An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (11/13/13)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
Am Bodach Cruadalach
Air a h-innse aig Tormad Pheadair Ruaraidh Ghilleasbuig, nach maireann, á Cùl
Abhainn Ottawa, Siorramachd Bhioctoria.
An taigh ud anns an t-seann dùthaich, bha fear ann, bha e cruadalach. Sheasadh
e ri poidhle fuachd. 'S bha gillean òga 'staigh, agus bha 'n oidhche fuar, reòta. Agus dh’ fhaighnich 'ad dha, nam b' urrainn dha... Dé a ghabhadh e airson a bhith air Beinn Ghilleasbaig anochd rùisgte.
"Tha fhios a'm dé a ghabhas mi," os' esan, "galar mo bhàis."