log asteach
logo

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Stòraidhean is Naidheachdan

Dòmhnall Mhamaidh (air a h-innse le Laura Stirling)

Facal-toisich

Bha Dòmhnall Mhamaidh `na dhuine deas-bhriathrach. Turas a bha seo, chaidh e ann cas-ruisgte gu taigh faire. `S ann a' sin a thachair e ri fear mór a thug air faclan éibhinn, biorach a ghràdhainn.

Neach-aithris: Seumas Watson

There was a witty character known as Dòmhnall Mhamaidh. One time in the summer he attended a wake barefoot, and encountered a big man there who became the object of his sharp wit.

See video

A story concerning a witty character known as Dòmhnall Mhamaidh.

Lorag ni’n Laird `ic Ralph

`S ann à Siorramachd Inbhirnis agus Siorramachd Rois `s an t-seann dùthaich a tha muinntir Lorag ni’n Laird `ic Ralph. Chaidh a breith fhéin ann a Haileafags, Alba Nuadh, ged a bha a teaghlach a’ fuireach ann an Còbh nam Muileach `s an àm, far a robh a h-athair `na mhinistear. Tha Lorag trang `na bean an taighe `s bidh i a’ teagasg a cuid chloinneadh a's an dachaidh aice fhéin. Bidh Lorag a’ teagasg na Gàidhlig ann an Haileafags agus tha i  `sàs ann an leasachadh Gàidhlig na h-Alba Nuaidh.

Neach-aithris: Seumas Watson

Laura Stirling is descended from emigrants from Invernesshire and Rosshire. She was born in Halifax, Nova Scotia although her family was living in Orangedale, Inverness County at the time; as her father was the local minister. Laura is an active stay at home mother who home-schools her childre. Currently, Laura teaches weekly Gaelic classes in the Halifax area and is actively involved in the Nova Scotia Gaelic community.