log asteach
logo

Siorramachdan Antaiginis is Phiogto

Nòs a’ bhìdh

Maragan is Ìosban

Facal-toisich

`S e maragan agus ìosban dà bhiadh a tha cumanta ann an Siorramachd Inbhirnis agus Siorramachd Antaiginis am measg Ghàidheal. Tha cuimhn' aig an an t-seann fheadhainn air  a' bhiadh seo a bhi air a' bhòrd-bhìdh gu tric an àm an òige. Tha cuid `gan deanadh fhathast. Gus marag gheal a dhèanadh, cuirear min-choirce, uinneanan, spìosan agus geir ann an caolan a' mhairt. Nìthear maragan dubha air fuil a' mhairt. 

Tha an t-ìosban cus na `s motha agus dèante air feòil phronn, spìosan `s uinneanan. Thuinich roinn mhór do dhaoine a mhuinntir Lochabair agus Mhórair a's an dà shiorramachd seo.

Neach-aithris: Seumas Watson

Two sausages often prepared by Gaels in Antigonish County and Inverness County were maragan and iosban. These dishes are still remembered by the older generation in both areas, and, on ocassion, remain prepared to this day. “Maragan” are puddings made by stuffing a cow intestine with oatmeal, onions, spices and suet. For black puddings, cows blood is added.

Iosban is a larger sausage made with hamburger, spices and onions. Many people from the Lochaber and Morar areas of the Highlands settled in these counties.

Le maragan et l’ìosban étaient deux sortes de saucisses qu’on préparait souvent chez les Gaëls du comté d’Antigonish et du comté d’Inverness. Les personnes âgées se souviennent encore de ces mets dans ces deux régions et on les prépare encore à l’occasion aujourd’hui. Le maragan est un boudin fait en remplissant un intestin de vache d’avoine, d’oignons, d’épices et de suif. Pour produire un boudin noir, on ajoute du sang de vache.

L’ìosban est une saucisse plus grosse faite de viande hachée, d’épices et d’oignons. Bon nombre de personnes originaires des régions du Lochaber et de Morar dans les Highlands se sont établies dans ces comtés.

Maragan is Ìosban

Air a’ bhaile, chan eil sian a' dol a dholaidh. Aig àm na bùidsearachd, théid caolain a’ mhàirt a ghléidheadh gus maragan a dheanadh. Tha na caolain air an lìonadh le uinneanan, min-choirce, geir agus spìosan. Théid na maragan ùr-dèante a ghoileadh mu uair a thìde. Bidh iad an uair sin deiseil `son fraoighigeadh. Tha a' mharag fìor bhlasda le toirneapan `s buntàta còmhla rithe.
 
Bidh ìosban `ga dheanadh deiseil 's an t-fhoghar cuideachd. `S e caolan mór a’ mhàirt, air a lìonadh le feòil phronn, uinneanan agus spìosan, a tha air a chleachdadh ann. As deaghaidh an ìosbain a dhùnadh aig gach ceann, théid a chrochadh an àite blàth air a’ lobhtaidh gus a thiormachadh. Nuair a bhios e deiseil, gabhaidh e bruich, air neo goil, air a’ stòbh. Tha an t-ìosban gu h-àraidh fasanta aig àm na Nollaig.

Neach-Aithris: Stéiseag NicGilleathain

Preparation of two common sausage-like foods common among Gaels.

Narrated by Stacey MacLean.

Préparation de deux types de saucisses qu’on retrouve dans les comtés d’Antigonish et de Pictou.

Rapporté par: Stacey MacLean

Mag ni’n Eideard Chaluim Ailein Ghilleasbuig

`S ann à Ceap Sheòrais a tha Mag ni’n Eideard Chaluim Ailein Ghilleasbuig. Thàinig a cuideachd à Lochabar taobh a h-athar agus às Eilean Bharraigh `s Mùideart taobh a màthar. Tha cuimhn’ aig Mag air a’ Ghàidhlig a chluinneil nuair a bha i òg. Thigeadh piuthair a seanmhar, Floraidh NicNìll - bean-phòsda MacIllEathain - air chéilidh. Bhitheadh ise, `s màthair Mhag, a’ bruidhinn na Gàidhlig còmhla. Tha Mag a’ gabhail suim `s a Ghàidhlig, ged nach eil ach beagan Gàidhlig aice fhéin. Bidh i `gabhail pàirt gu tric ann an tachartasan na Gàidhlig `s a' Bhaile Mhór.

Neach-aithris: Seumas Watson

Mag Lowe (née MacEachern), of Cape George, shared the included information about traditional Gaelic food. Mag is descended from emigrants from Lochaber on her father’s side, and from Barra and Moidart on her mother’s side. Mag recalls hearing Gaelic spoken when she was a child; her grandmother’s sister would get together with Mag’s mother and the two would speak Gaelic together. Although Mag herself did not speak the language growing up, she is currently involved with many Gaelic activities in the Antigonish area.
 

Mag Lowe (née MacEachern), de Cape George, nous a fait part de ces informations sur les aliments traditionnels des Gaëls. Mag descend d’émigrants du Lochaber du côté de son père et d’émigrants de Barra et de Moidart du côté de sa mère. Elle se rappelle qu’on parlait le gaélique à la maison quand elle était petite. Mag se souvient également d’un grand nombre de recettes et de remèdes que sa mère utilisait dans son enfance à Cape George. Même si Mag elle-même ne parlait pas la langue quand elle était petite, elle participe aujourd’hui à de nombreuses activités en gaélique dans la région d’Antigonish.