An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
 
Tha seo duan anns an t-seann... gu b’ dé dh’abradh sibh ris... Oidhche Chullain Challain Chruaidh. Thigeadh iad mun cuairt dhe `n taigh, ` s dh’fheumadh iad an dorust a ghlasadh gus an gabhadh cuideigin duan `s gheobhadh iad astaigh an uair sin. Theagamh gu faigheadh a h-uile gin dhiubh astaigh airson aon duine. Ach co dhiubh tha aon fhear a’ seo:
Oidhche Chullainn Challain Chruaidh
	Thànaig mise le m’ dhuan `ga reic
	Chan eil gaol agam air ìm,
	`S chan eil gràidh agam air càis
	Ach a'rud a tha am bonn a’bhuideil
	Tha mo shlugan air a thì
Air aithris le Peadar Shandaidh Dhonnchaidh Mhóir
	© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
A New Year's Eve poem.
Poème de la Saint-Sylvestre.