log asteach
logo

Crìochan Chamuis Anna

Nòs a’ bhìdh

Stapag

Facal-toisich

Bha min-choirce a' toirt brìgh is susbaint do chaochladh seòrsachan bìdh a ghabhadh Gàidheil na h-Albann Nuaidh mar an àbhaist. Bha stapag `na lòn dèante air min-choirce a ghabhadh faotainn am bìtheantas ann an nàbachdan Camas Anna. Tha Mòr ni’n Mhurchaidh Dhòmhnaill ag ràdh gun dèanar stapag le min-choirce amh air a measgachadh le bainne `s siùcar. Bhìte a' gabhail na dibhe seo los neart `s fallaineachd a chur air thapadh.

Neach-aithris: Seumas Watson

Oatmeal was a key ingredient in many foods prepared by Nova Scotia Gaels. One oatmeal dish known to the St. Ann’s Bay area was stapag. As Sadie MacInnis explains, stapag was made pouring milk and sugar over raw meal. People would drink this treat for health and energy.

L’avoine était un ingrédient essentiel dans de nombreux aliments des Gaëls de la Nouvelle-Écosse. L’un des plats à base d’avoine qu’on connaissait dans la région de St. Anns Bay était le stapag. Comme l’explique Sadie MacInnis, on préparait le stapag en versant du lait et du sucre sur de l’avoine fraîche. Les gens buvaient ce plat pour se donner de l’énergie et pour la santé.

See video

© Cainnt mo Mhàthar

Modh Bìdh

Stapag

4-5 spàinean móra do mhin-choirce
Bainne
Siùcar

Cuir a' mhin-choirce ann am bobhla `s cuir rithe uiread do bhainne `s siùcar a chòrdas riut fhéin.

Stapag is a simple oatmeal dish known in the St. Ann's Bay area.

Le stapag est un simple mets à base d’avoine de la région de St. Anns Bay.

Mòr ni’n Mhurchaidh Dhòmhnaill

Chaidh Mòr ni’n Mhurchaidh Dhòmhnaill a bhreith `s a thogail air Cùl na h-Aibhne Bige, Cladach a Tuath. `S ann à Leòdhas a bha a sinnsearan. `Na bean an taighe chòir, tha i cumail traing a h-uile là eadar aoighean is oghaichean. `S i a tha toilichte a chur srùbag air dòigh do chàirdean `s dh' a teaghlach.

Neach-aithris: Seumas Watson

Sadie MacInnis (née MacDonald) was born and raised in a Gaelic speaking home in Rear Little River, North Shore, Victoria County. Her ancestors were emigrants from the Isle of Lewis. She was a homemaker her entire life and still enjoys entertaining friends and family, serving an array of goodies with a strong cup of tea.

Sadie MacInnis est née et a grandi dans un foyer parlant le gaélique, à Rear Little River, sur la Rive Nord du comté de Victoria. Ses ancêtres avaient émigré de l’île de Lewis. Elle est restée femme au foyer toute sa vie et aime toujours accueillir ses amis et les membres de sa famille, à qui elle sert toutes sortes de bonnes choses avec une bonne tasse de thé bien fort.