An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
Anns a’ bhidio seo, tha luchd-ionnsachaidh, Séidheag Nic`IlleMhaoil agus Pàdraig Bennett, a' cur air thaisbeanadh deasachadh mharag mar a chaidh dh'ionnsachadh dhaibh le Màiri Steabhain Dunn. `S iomadh marag a rinn Màiri r' a linn.
Neach-aithris: Seumas Watson
In this video, learners Shay MacMullin and Patrick Bennett share their method for making maragan, as learned from Marie Archie MacLean, Washabuct. Many a marag Marie made in her day.
Eamag NicFhionghuin: Gu dé tha sibh ris an nochd?
Pàdraig Bennett: Tha sinn a’ lìonadh a’ chaolain airson marag gheal.
Séidheag Nic`illeMhaoil: Tha sinn a’ cur mharagan air dòigh mar a dh’ ionnsaich Màiri ‘Illeasbuig dhuinn. Agus `s e min-choirce, uinneanan is geir is salann is piobar a chuir sinn ann a’s a bhobhla agus aniste tha sinn a’ lìonadh, mar a thuirt Pàdraig, a’ chaolain seo. Agus tha fear eile -- chan eil fhios’m a’ bheil thu ‘faicinn na poit sin ach ...
ENF: Seadh.
SNM: Tha fear eile `s a' phoit sin. Feumaidh iad goil fad uair neo dhà neo trì. Agus bidh e deiseil an uair sin. A’ bheil thu fhéin measail air marag gheal?
PB: Gàbhaidh fhéin measail.
SNM: Agus cuin’ a bhios tu `gan ithe?
PB: `S a’ mhadainn . . . bhiodh i eagalach blasda `s a' mhadainn ach bidh i math dhut uair sam bith.
ENF: Dé ghabhas sibh ris na maragan?
PB: Oh, na h-uighean `s tosd, is pìos càise.
SNM: Rud sam bidh a thogras tu. Dh’ fhaodadh buntàta `s glasraich a bhith agad -- ach tha mi `creidsinn gu bheil siod math gu leòr anist ach chì sibh cho mór `s tha an caolan seo. Cuiridh sinn snaoim ann a’ seo agus cumaidh sinn oirnn agus bidh gu leòr againn `son na Nollaige.
ENF: Bidh, gu dearra.
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012
Preparation of maragan.
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
Bha iad blasda, binn!
by (3/30/12)
Bha iad blasda, binn!