log asteach
logo

Siorramachd Inbhir Nis

Stòraidhean is Naidheachdan

Mar a Fhuair Osgar a Bhean

Facal-toisich

Le beairteas air leth do sgeulachdan agus stòraidhean eile `gan toirt anuas o bheul gu beul, tha gabhail naidheachdan air a bhith `na fhearas-chuideachd gu math fasanta `s an taigh-chéilidh, air neo àite sam bith far an tig na Gàidheil cruinn.  Dh’ ionnsaich Pàdraig Aonghais Sìne sgeulachd na Féinneadh seo aig a sheanmhair, Isbeal ni’n Aonghais `ic Ruairi Mhóir.  Ghabhadh i a' stòraidh seo fhads a bha i ri fighe-bhìor air oidhcheannan fad’ a’ gheamhraidh.

Neach-aithris: Seumas Watson

Gaelic storytelling has been a great pastime in the céilidh house and wherever Gaels gather. Pàdraig Aonghais Sìne learned this Fenian tale from his grandmother, Isabel O’ Handley. He recalled her reciting tales as she would knit by the fire during long winter nights. Mar a fhuair Osgar a Bhean tells the story of how Oscar got his wife.

Dans les maisons où l’on organisait les céilithe et partout où les Gaëls se rassemblaient, l’un des grands passe-temps consistait à raconter des histoires. Pàdraig Aonghais Sìne a appris ce conte fenian auprès de sa grand-mère, Isabel O’Handley. Il se rappelle qu’elle narrait des contes pendant qu’elle faisait du tricot au coin du feu, pendant les longues soirées d’hiver. « Mar a fhuair Osgar a Bhean » raconte comment Oscar a trouvé sa femme.

Mar a Fhuair Osgar a Bhean

Uell, bha uair ann anns an t-seann dùthaich, tha seans’ gur ann an Éirinn a bha seo, uair dha robh saoghal. Uell a’ rìgh, bha triùir mhac aige – rìgh Éirinn: bha Osgar agus Oisin agus Fionn. Agus bha e `na chleachdadh aca a bhith `dol dha `n bheinn-sheilg a h-uile bliadhna. Ach a’ bhliadhn’ a bha seo, chaidh `ad dha `n bheinn-sheilg mar a b’ àbhaist dhaibh. Agus, bha tent aig a h-uile fear dhiubh dha fhéin.

Ach an oidhch’ ud dh’éirich fuachd uamhasach. Agus an oidhch’ a bha seo, thàinig coltas rud neònach, bha i `na leth-iasg `s bha i `na leth-bhoireannach, dh’ionnsaigh na tent aig Fionn agus cha ligeadh e ... cha doireadh e dhi fasgadh-oidhch’ idir. Chaidh i sin a dh’ionnsaidh na tent aig Oisin agus thuirt i gu robh i `s a’ mhuir bho chionn seachd bliadhna. B’fheudar dhi teicheadh às air an oidhch’ a bh’ ann leis an fhuachd. Agus cha dugadh e dhi fasgadh idir.

Ach chaidh i dh’ionnsaigh na tent aig Osgar, agus thuirt i gu robh i `s a’ mhuir bho chionn seachd bliadhna bhuaith’ `s gu robh i fo gheasaibh, ach gum b’fheudar dhi teicheadh às a’ mhuir air an oidhch’ ud leis an fhuachd, agus, “Am biodh tu cho math gun doireadh tu dhomh fasgadh na tent?” `S thuirt e gun deanadh e sin.

Bha esan an deagh’ ghabhail mu thàmh. Bha breacan aige `s sgaoil e fairis air. Agus an ceann tacain, as deagh’ dhi `tighinn astaigh, “On a bha thu cho math `s gun do lig thu `staigh mi, Osgair, na biodh e `nad thoil, a’ ligeadh tu fo `n bhreacan mi?”

“Uell, ma tha e bhuat tighinn ann.” Agus thuit e `na chadal. Agus bhruadail e gu robh i `ga mharbhadh. Agus dhùisg e `s bha `m boireannach òg a bu bhriagh’ a chunnaig e riamh `na seasamh làimh ris.

Agus thuirt i ris, “Bha mise fo gheasan gus an oidhche seo, `s bha mi seachd bliadhna `s a’ mhuir. Ach tha mi nist .... `s tu a’ cheud duine a thug fuasgladh dhomh. Tha mi clìoras na geasan anist.”

Ach cha robh ann, ach co-dhiubh, gu feumadh `ad pòsadh – co-dhiubh gu robh pears-eaglais ann gus nach robh. Ach thuirt i aon rud ris, “Na tilg no innis ormsa gu bràtha `n dòigh `s an dàinig mi `ad dh’ionnsaigh.

“O gu dearbha, cha thilg,” thuirt e.

Ach bha cù aige, gallag, agus bha linn do chuileanan aice. Agus dur a chunnaig a bhràithrean mar a dh’éirich amach `s mar a rinn `ad fhéin, bha `ad farmadach ris. `S bhiodh e h-uile là `dol dha `n bheinn-shealg, `s bheireadh e rith-se dur a bhiodh e falbh `s a’ mhadainn, “Bheir an aire dhe `n ghallag `s dhe na cuileanan agus na doir seachad gin dhiubh.”

Ach air an treasamh là, thàinig Oisin agus dh’iarr e [oirre] cuilean, agus cha robh ise toileach an toirt seachad. Dh’earb Osgar dhi gun na cuileanan a thoirt seachad, ach, “Och, cha chuir e sian air.” Rinn e `bhriag oirre `s thug i seachad an cuilean.

An ceann treis, thàinig Fionn agus cuilean a dhìth air fhéin. Agus bha i car fad’ ann mu dheidhinn a thoirt seachad ach thuirt e rithe, “Cha chuir e sian air Osgar.” `S fhuair e fhéin cuilean.

An ath-là, thàinig Fionn air ais `s cuilean eile bhuaithe-se: `s e trì a bh’ann. Agus chan fhàgadh e `n tent gus an d’fhuair e an cuilean. `S thàinig Osgar dhachaidh air an fheasgar sin agus dh’ionndrainn e na cuileanan.

“Uell, càit’ a’ bheil na cuileanan?” thuirt e.

Uell, dh’innis ise mar a bh’ann. Uell, ghabh esan car do dh’fhearg agus thuirt e, “Nam bithinnsa cho cruaidh-cridheach sin an oidhch’ a thàna’ tu fhéin dham dh’ionnsaigh, cha liginn astaigh thu.”

Uell, cha duirt i guth ach chaidh i dha `n leabaidh. An ceann treis, chaidh esan `na shìneadh. Agus dh’éirich e a’s a’ mhadainn `s cha robh sgial oirre, ach bha trì brùchdan do dh’fhuil air a’ chluasaig a chuir i amach. Agus bha neapaigin a’s a’ phòc’ aige, agus thug e leis na trì brùchdan do dh’fhuil a bha siod a chuir i `mach. Agus an ath-là co dhiubh ... Bha alaire aige, `s bha meas aig’ air an alaire, `s bha an alaire marbh. Uell, dh’fhalbh e co dhiubh sios dh’ionnsaigh a’ chladaich, agus bha e `smaoineachadh air fhéin a bhàthadh `s dh’atharraich e inntinn. Thill e dhachaidh. Madainn a’ la’r-na-mhàireach, bha a’ ghallag marbh.

Uell, dh’fhalbh a’ là sin `s cha dug e bhàthadh e fhéin, co dhiubh. Ach bha bàta shios ... Tha seansa gu robh wharf ann agus bha bàt’ ann agus shuidh e anns a’ bhàt’. Bha a’ ghrian tighinn anuas blàth agus thuit e `na chadal. Agus dur a dhùisg e, bha e `n teis-meadhon a’ chuain. Cha robh soighn air fearann idir, ach bha e `cumail roimhidh. Thug e leis na ràimh `n sin agus bha e seachd là `g iomradh.

Thàinig e `n sin mu dheireadh ... thàinig e gu tìr, chunnaig e fearann `s rinn e air. Dh’acaraich e `m bàta `s chunnaig e cuideigin shuas, neach air choireiginn shuas ann a’ sin agus ghabh e air a’ sin.

Dur a ràinig e sin, bha boireannach mór ann a’ sin agus i buain luachair. Agus bha i deanadh sacaichean dheth. Thuirt e, “Dé tha sibh a’ deanadh?”

“Uell, tha mi a’ deanadh ...” thuirt i. “Tha mi buain luachair `son nighean a’ rìgh a thàinig ann a’ seo. Thàinig i dhachaigh araoir, agus tha i gu math tinn. Agus chan fhaigh i aon fhois eile [ach] air leaba do luachair mum fàg i an saoghal seo.”

“Uell, tha na sacaichean sin gu math trom, “ thuirt e rith’, “agus bheir mise suas fear dhiubh.”

Bha ise fhéin mór, làidir. Co dhiubh, thug e leis a’ sac `s thàinig i fhéin as a dheaghaidh. `S dur a ràinig `ad pailis a’ rìgh, thuirt e gum bu thoil leis an nighean fhaicinn: nighean a’ rìgh a bha ris a’ bhàs. Chaidh e `staigh. Có a bh’aige ach a’ bhean a bh’aige fhéin.

“Uell,” thuirt e, “ bheil sian ann a b’urrainn dhomhsa dheanadh dhut anist `son do shlàint’ a ghléidheadh dhut?”

“Uell, nam biodh na trì brùchdan faladh a chuir mi `mach an oidhche a dh’fhàg mi an t-àit’ agadsa agam, dheanadh e cuideachadh mór dhomh.”

Thug e amach an neapaigin agus thug e dhi `ad, ach anist, “Cha leighis seo mi.”

Bha aice ri deoch fhaighinn às a’ Chupa Dhonn aig Rìgh Bhàrr an Iùin, ach bha astar là `s bliadhna dh’ionnsaigh Rìgh Bhàrr an Iùin. Ach dur a dh’fhalbh e, dh’amais fiadh air. Agus tha seans gun do bhruidhinn e ris an fhiadh aig an àm. `S dh’innis e `n gnothach, `s thuirt e, “Bi mis’ ann anull mun tig beul na h-oidhcheadh,” thuirt a’ fiadh.

`S chaidh e air druim an fhéidh agus dh’fhalbh `s ràinig e mun dàinig beul na h-oidhcheadh. Ach bha geàrd mór air a’ Chupa Dhonn. Bha an Gille Mór Glas ann a’ sin, `s bha e `ga chuir air geàrd air a’ Chupa Dhonn agus cha robh duine air an t-saoghal, tha seans’, a chuireadh a dhruim ris an talamha fodha. `S dur a chaidh esan a choimhead `son a’ Chupa Dhonn, Osgar, bha an Gille Mór Glas a bha seo air thoiseach air `s chaidh `ad an gréim. Agus chuir Osgar MacRìgh Éirinn sios e.

“Uell, tha mi `n dùil nach robh duin’ air an t-saoghal ach aon duine a chuireadh sios mi.”

“Uell, có tha’ sin?”

“Osgar Mac Rìgh Éirinn.”

“`S mise Osgar Mac Rìgh Éirinn.”

“Uell, chaidh mise,” thuirt esan, “a chuir ann a’ seo fo gheasan bho chionn seachd bliadhna ag geàrd a’ Chupa Dhonn. `S tha mise clìoras na geasan anist, agus théid mi còmhla riut a dh’fhaighinn a’ chuppa dhonn. An àit’ a bhi `ga chumail bhuat `ga gheàrd, théid mi còmhla riut `ga iarraidh.”

Agus chaidh e còmhla ris, ach bha geàrd eile an uairsin. Bha réiseamaid eile do shaighdearan, `s thuirt an Gille (Mór) Glas anist, “Stadaidh sinn speil ach an cluinn sinn fuaim a’ tighinn.”

Dur a chual’ iad a’ fuaim a’ tighinn, chaidh an dithist dhiubh an gréim `s a’ réiseamaid a bha tighinn agus rinn `ad an gnothach orr’ uile. Agus chaidh `ad astaigh `s fhuair `ad an Cupa Donn. Chaidh `ad air ais `s dh’òl ise deoch às a’ Chupa Dhonn. Agus có bha `s a’ Ghille [Mhór] Ghlas ach a bràthair. Chuir boireannach olc air choireiginn .... chuir i ise agus a bràthair fo gheasan agus bha `n dithist dhiubh clìoras na geasan. Agus leighis ise agus chaidh `ad air ais. Chaidh i fhéin agus Osgar Mac Rìgh Éirinn air ais agus fhuair e a phàigheadh leis an fhearann `s a’ rìoghachd. `S dhealaich mise riutha.

© Frangag NicEachainn & Seumas Watson
Tar-sgrìobhadh:  Seumas Watson & Will Lamb
 

Mar a fhuair Osgar a Bhean is a Fenian tale that tells the story of how Oscar got his wife.

« Mar a fhuair Osgar a Bhean » est un conte fenian qui raconte comme Oscar a trouvé sa femme.

Pàdraig Aonghais Sìne

Rugadh Pàdraig Aonghais Sìne is chaidh àrach ann am Bràigh na h-Aibhneadh. `S ann às Àrisaig a thriall Cloinn `ic Eachairne anull gu Alba Nuaidh a's an naoidheamh linn deug.  Bha Pàdraig comharraichte `na sheanchas.  Bha taosg do naidheachdan aige air eachdraidh na coimhearsnachd; ghabhadh e cuideachd sgeulachdan, ùrnaighean agus stòraidhean eile mu na gaisgich a bha tàmh air an taobh thall.

Neach-aithris: Seumas Watson

Patrick MacEachern was an exceptional storyteller and tradition bearer of Arisaig descent. He was born and raised in Glendale, Inverness County, where he remained throughout his life in the family home. Patrick’s considerable store of tales included local histories, stories, prayers and beliefs, many of which reflected his mainland Highland heritage.

Patrick MacEachern était un conteur exceptionnel et un tenant des traditions, dont les ancêtres venaient d’Arisaig. Il est né et a grandi à Glendale, dans le comté d’Inverness, où il est resté pendant toute sa vie, au domicile familial. Le répertoire considérable de contes de Patrick comprenait des histoires locales, des récits,