log asteach
logo

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Gàidhlig `s a' Mhór-roinn

Luadhadh

Facal-toisich

Buidheann a’ luadhadh a’ chlò. Obair throm a rinneadh a’s gach coimhearsnachd Ghàidhealach ann an Albainn Nodha gus an clò fhàgail teann gu leòr airson a chosg. `S iad na h-òrain, agus lìonmhorachd nan làmhan, a dheanadh an obair aotrom.

Neach-aithris: Seumas Watson

A group milling the woolen tweed cloth. This heavy work was carried out in every Nova Scotia Gaelic community in order to shrink the tweed so that it could be worn. The work was lightened by the numbers participating and milling songs.

See video

Séisd:
Seinn o ho rò seinn.
Seinn o ho rò leannain,
Seinn o ho rò seinn.

Gur a muladach tha mi,
`S mi air àirigh chruidh-bhainne.

Gura muladach sgìth mi,
`S mi leam fhìn an tìr m' aineoil.

Cha b' ionnan mar bha mi,
Mun do dh'fhàg mi m' Bràigh Raineach.

Le m' phiuthar 's le mo bhràthair,
Cead bhith mànran ri m' leannan.

Ann am bothag an t-sùgraidh,
`S e bu dùnadh dhi barrach.

Tar-sgrìobhadh:  An Cliath Clis

Air a dheasachadh le: Sgioba a' Phroiseigt 2012

A milling frolic in Halifax, December 2011.

Seòrsag ni’n Sheòrais `ic Coinnich

Chaidh Seòrsag ni’n Sheòrais `ic Coinnich a bhreith anns an t-Sassain aig Croydon. Tha i `fuireach anns an Àrd-bhaile. Thàinig a sinnsearan às an Eilean Sgitheanach, na Hearadh, Inbhirnis, Dòrnoch agus Inbhir Àir. Tha màthair Sheòrsaig an sàs a's a' Ghàidhlig anns an Àrd-bhaile. Mar sin dheth, thog Seòrsag fhéin beagan dhi a’ siod `s a’ seo. Tha Seòrsag gu math measail dualchas na Gàidhlig. Seinnidh i a' chlàrsach agus nì i dannsa-céim.

Neach-aithris: Seumas Watson

Georgia Atkin was born in Croydon, England and lives in the city of Halifax. Her ancestors came from the Isle of Skye, Harris, Inverness, Dornoch and Ayrshire. Georgia’s mother, Laura, is very involved with Gaelic activities in the Halifax Metro area, and Georgia has acquired a bit of the language herself at various classes and events. Georgia enjoys learning about all aspects of the Gaelic culture; she is interested in the history of the Gael, she plays the Celtic harp and step dances.