An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
`S ann am pailteas a gheobhar naidheachdan air eachdraidh nan ceud Ghàidheal a thug suas fearann ann an Siorramachd Inbhir Nis. Seo agaibh naidheachd air mar a dh’éirich do dh’ Iain MacRaing, a thàinig dha na Coal Mines à Lochaber. Tha a' sgeul seo ag innse mu mhathan a thug ionnsaigh air là is esan a' tilleadh dhachaigh an cois a’ chruidh. Tha deagh chuimhne aig sliochd MhicRaing mar a thachair gus a' là seo fhéin.
Neach-aithris: Seumas Watson
This is a true story related by Angus Gillis about the first Rankin who settled in the Coal Mines and was attacked by a bear while herding his cows. “The Bear’s Tree” no longer stands, but the spot where it stood is remembered by the descendants of John Rankin who still live in the area today.
Il s’agit d’une histoire vraie racontée par Angus Gillis sur le premier membre de la famille Rankin qui s’est établi à Mabou Coal Mines et qui a été attaqué par un ours alors qu’il gardait son troupeau de vaches. L’« arbre de l’ours » n’existe plus, mais l’endroit où il se trouvait n’a pas été oublié par les descendants de John Rankin, qui vivent toujours dans la région aujourd’hui.
Ceataidh Peigi (N’in Aonghais Dhòmhnaill, Bean-phòsta Aonghais – NicRaing a bh’innte): `S e
Aonghas: Iain MacRaing, nach e?
CP: `S e, `s e. Tha mi cuimseach cinnteach. Tha mi cuimseach cinnteach. Chan urrainn dhomhsa … chan eil …. that’s all.??
A: Alright, feuch e. Uill, Iain MacRaing, a’ cheud MacRaing a thàinig dha na Coal Mines. Bha e `là sin, toiseach an t-samhraidh, a’ trusadh a’ chruidh, na `n crodh òg a bh’ aca shuas `s a’ Ghleann. Bha e mu leth mhìle bho `n taigh, na còrr… dh' ionnsaigh a’ là an-diugh, bheir iad “Craobh a’ Mhathain” ris.
Dé thachair air ach am mathan `s dà chuilean aige `s shìn am mathan air. Ghabh esan suas ann an craobh do dh’fhiodh cruaidh. Bha cù beag aig’ agus ghabh an cù am bad a’ mhathain dìreach dar a bha e `na sheasamh air a chasan deiridh `s chaidh e suas `s a` chraobh.
Bheireadh an cù air … bheireadh e greim às a’ mhathan. T(h)illeadh am mathan air ais. Fhuair MacRaing ùine gu leòr gus dìreadh `s a’ chraobh `s a dhol amach air a’ speuc. Fhuair am mathan suas `s a’ chraobh `s thòisich e air dol amach air a’ speuc a bha seo – air a’ mheur mhór a bha seo, `s thòisich am meur air lùbadh `s thilleah am mathan air ais astaigh dh’ionnsaigh stoc na craoibh’ `s rachadh e sìos air an talamh.
A’ cheud triop, dar a bha e `dol suas, theab e… rug e air shàil air `s thug e greim às an t-sàil aig’ `s bha a’fear eil’ a`sileadh anns a’ chraobh. `S thug e an uair sin, dar a chaidh am mathan sìos dh’ionnsaidh na talmhainn, thug e dheth a chòta `s thilg e an còt’ a bh’air sìos air an talamh ach dé dheanadh am mathan – am falbhadh e? Ghabh am mathan sìos `s shrac e an còt’ `na bhìdeagan le spògan is le ìnean.
Agus an cù comhartaich `ga chur ceàrr,`s mu dheireadh dh’ fhàs e sgìth – dh’ fhàs am mathan seachd sgìth dhe `n chù a bhith comhartaich `s a h-uile sìon a bh’ ann. `S dh’ fhalbh am mathan. Fhuair MacRaing às a’ chraobh, ach tha i dh’ionnsaigh a’ là an-diugh… `s e “Craobh a’ Mhathan” a bheir iad ris. Tha e an deoghaidh lìonadh a-staigh le coill’ òg anist.
Agus, dh’ eug an duine truagh. Dh’ eug e an ceann dà bhliadhna as deoghaidh sin. Chaill e leithid do dh’ fhuil agus cha robh e ach dà bhliadhna beò. `S dh’ fhàg e suas ri deich neo h-aon deug – ceithir deug do theaghlach. `S an dealbh aige – a’ bhean aige - againn ann a’ seo an diugh agus tha sinn direach `dol a choimhead oirre.
Agus sin agad a’ stòraidh a th’againn air a’ sin.
© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012
A story about a man who was attacked by a bear.
Histoire d’un homme attaqué par un ours.
`S ann às Acarsaid Mhàbu a bha Aonghas Eòghainn Aonghais. Thàinig a chuideachd à Lochaber. Bha Aonghas math gu naidheachdan is òrain agus bheireadh e port às an fhìdhill. Ged a bha e 'g obair air falbh fad bhliadhnaichean, cha do chuir Aonghas còir riamh cùl ris a’ Ghàidhlig. Bha ainm aig' a bhith sònraichte math air uisge lorg far a rachadh tobar a tholladh air a shon.
Neach-aithris: Seumas Watson
Angus J. Gillis, a Lochaber descendant, was from Mabou Harbour. Although he worked away for many years, he maintained a love for the Gaelic language and culture. Angus was a storyteller and singer. He also played the fiddle. Angus was a well driller by trade and well known for his special ability to divine water.
Angus J. Gillis est originaire de Mabou Harbour. Ses ancêtres étaient originaires du Lochaber. Angus s’est exilé ailleurs pendant de longues années pour son travail, mais n’a jamais perdu son amour de la langue et de la culture gaéliques. Il était conteur et chanteur. Il jouait aussi du violon. Son métier était sondeur de puits et il était bien connu pour son talent de sourcier.
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.