log asteach
logo

The Living Bridge » Stòraidhean is Naidheachdan

Naidheachd nan deargann

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air a h-aithris le Eòs mac Dhòmhnuill Lachainn Alasdair Lachainn a rugadh ann an Inbhir Nis, á Bun na h-Aibhne Deas, Siorramachd Antaiginis. Air a clàradh le 's air a tar-sgrìobhadh le Màiri Britton.

An naidheachd seo, ’s e mu dheidhinn fear a bha ’g obair sa Ghut agus an t-ainm a bh’ air, ’s e Aonghas. Is bha Aonghas a’ bòrdadh còmhla ri cailleach a bha sin is bha i eagalach laghach. Bha i math gu còcaireachd, ’s bha i glan is bha i a’ cumail a h-uile sìon cho snog ’s cho dòigheil. Ach an aon rud a bha ceàrr, a’ seòmbar bha Aonghas a’ cadal ann, bha e làn deargan is cha robh e ’faighinn mòran fois.

Ach co-dhiù, bha ’n ùine a’ dol seachad is bha Aonghas ’fàs sgìth is là bha sin thuirt e ris fhèin gun robh e a’ dol a bruidhinn ris an cailleach is bha e a’ dol a ghearan mu dheidhinn na deargan. Agus nuair a thàinig e dhachaigh feasgar a bha sin thuirt e ris an cailleach gu robh e dol a dh’fhàgail an àite agus bha e a’ dol a choimhead airson taigh bòrdadh eile.

‘Dhia,’ thuirt an cailleach, ‘An ainm a Dhia, Aonghas, dè tha ceàrr? Dè tha ceàrr? A bheil am biadh agam a’ còrdadh riut?’

‘Ò tha,’ thuirt Aonghas, ‘Tha am biadh math - cha ghabhadh e bhith na ’s fheàrr’.

‘Uill,’ thuirt i, ‘A bheil an taigh glan gu leòr air do shon?’

‘O tha, tha an taigh eagalach glan.’

‘Uill dè bho Dhia a tha ceàrr?’ thuirt an cailleach.

‘Uill,’ thuirt Aonghas, ‘An rud a tha ceàrr, an seòmbar agam – an seòmbar a bheil mi a’ cadal ann – tha e làn deargan agus chan eil mi a’ faighinn mòran cadal.’

‘Ò Dhia,’ thuirt an cailleach, ‘Uill a-màireach gheobh mise stuth is cuiridh mi às ris a h-uile dearg as an t-seòmbar agad’.

Is an ath là, siod an rud a rinn i – fhuair i stuth is ghlan i a-mach an seòmbar aig Aonghas. Nuair a thàinig Aonghas dhachaigh bhon obair sa feasgar, thuirt an cailleach ris, ‘Uill, Aonghas, chuir mi às ris a h-uile dearg as an t-seòmbar agad, ach dh’fhaoidte gu bheil aon tè air fhàgail, dh’fhaoidte gun d’fhuair aon tè air falbh ach chan eil mi cinnteach.'

‘Uill, ’s math a rinn thu,’ thuirt Aonghas, ‘dh’fhaoidte gun gheobh mi cadal math a-nochd.'

Agus nuair a thàinig an oidhche chaidh Aonghas na leabaidh is cha robh na deargan riamh cho dona ’s a bha ’ad air an oidhch’ ud. Cha robh e ach a’ sgrìobadh ’s a’ tachas e fhèin fad an oidhche. Sin ma ceithir uairean, cha b’ urrainn dha an còrr a ghabhail is dh’èirich e is trus e a h-uile rud a bh’ aige agus bha e a’ dol a theicheadh a-mach gun fhios dhan chailleach. Is bha e a’ dol sìos an staidhre is bha e a’ feuchainn ri cumail cho sàmhach ’s a b’ urrainn dha. Nuair a thàinig e aig bonn na staidhir, cò bha ma choinneimh ach an cailleach.

‘An ainm a Dhia Aonghas,’ thuirt i, ‘Càit a bheil thu ’dol aig an àm seo?’

‘Uill,’ thuirt Aonghas, ‘’bheil cuimhne agad air an dearg nach do chuir thu às ris?’

‘Uill, tha,’ thuirt an cailleach, ‘Tha cuimhn’ agam.’

‘Uill,’ thuirt Aonghas, ‘Dh’eug an diabhal ud a-raoir is thàinig a h-uile dearg eadar seo is ifhrinn ionnsaigh an fhaire is bha mise nam measg!’

© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Màiri Britton

Please login or register if you'd like to respond.