An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (12/13/13)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
A' Fear a Shnàmh o Bhaghasdail dha 'n Eilean Mhór
Air a h-aithris aig Eòghann MacSuain, nach maireann, Baghasdail, Siorramachd Bhictoria.
'S e Alasdair MacGillebhràth 'na pharraiste ... 'na shagart parraiste am Baghasdail. Agus, bha fear dha na ... bha fear a mhuinntir a' pharraiste, bha e gu math h-amasach air an teangaidh. Agus, bhiodh a' sagart a' tarraing ás.
Ach co dhiubh, bha a' samhradh gu math teth ann. Bha e Dòmhnach aig an eaglais
a's a' mhadainn mun do thòisich an aifreann. 'S bha 'ad a-muigh a' bruidhinn. 'S bha ... thàinig a' sagart mu chuairt 's bha e 'bruidhinn ri Larry.
Agus thuirt e, dh'fhaighnich e dha, dé ... na, a' robh an teas a' cur trioblaid air.
Och, o, thuirt e, nach robh ... nach robh ... nach robh e 'cur uidh air cho teth 's a bha i idir.
"Uill," os' esan, "an dé," os' esan, "bha i uabhasach teth a' seo," os' esan, "shnàmh mi," os' esan, "o chladach ud," os' esan, "a Baghasdail," os' esan, "a null gus an d' fhuair mi acarsaid an Eilean Mhóir," os' esan. "'S dhìrich mi suas," os' esan, "air a' bhuoy, lìon mi a' phìob," os' esan, "'s ghabh mi smoc 's shnàmh mi air ais."
Bha Larry 'na sheasamh ag éisteachd ris. "Uill, Athair," os' esan, "feumaidh gur
ann 'nad thòin a bha na maidsichean ud!"
© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.