An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
by Bun is Bàrr (4/26/18)
joined 1/1/70. Far loighne
0 replies
Air a h-aithris le Eòs mac Dhòmhnuill Lachainn Alasdair Lachainn a rugadh ann an Inbhir Nis, á Bun na h-Aibhne Deas, Siorramachd Antaiginis. Air a clàradh le 's air a tar-sgrìobhadh le Màiri Britton.
Eòs: Bha naidheachd agam… Tha mi airson mi ag innse an naidheachd seo mu dheidhinn… A’ bheil thu airson an naidheachd a chluinntinn?
Màiri: Mm, tha!
E: Uill ’s an naidheachd mu dheidhinn fear a bha sin is bha e eagalach leisg. Ò, bha e cho leisg, cho leisg sin. Ach àm a bha sin, ’s fhada bhon a bha e aig èisteachd ’s bha seo ’cur dragh bheag – beag – air. Ach co-dhiù, là bha seo, chaidh e suas ionnsaigh an eaglais agus chaidh e a-staigh is bha sagart ann a-sin agus bhruidhinn e ris (an t-) a’ sagart agus thuirt e, ‘Is toigh leam m’èisteachd a dhèanadh’.
‘Ò, ceart gu leòr,’ thuirt an sagart, ‘thig a-staigh am bogsa-èisteachd is nì mise an t-èisteachd agad’.
Agus chaidh e a-staigh, is nuair a bha e rèidh, thuirt an sagart ris, ‘Airson do pheanas, thèid thu suas dhan chladh agus feumaidh tu ùrnaigh a ghabhal airson a h-uile anam a tha air thìodhlacadh sa chladh.’
‘Ò,’ thuirt e. ‘Ceart,’ thuirt e. Is chaidh e suas dhan chladh is chaidh e a-staigh, `s shuidh e air bogsa a bha teann air an fheansa is thug e a-mach a’ chonair Mhoire is chuir e cuairt air a’ chonair Mhoire. Is nuair a bha e rèidh, dh’èirich e na sheasamh is thuirt e, ‘A-nist, roinneach [sic] sin eadaraibh!’
© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Màiri Britton
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.