log asteach
logo

The Living Bridge » Stòraidhean is Naidheachdan

Am Misean Fada

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air a h-aithris le Eòs mac Dhòmhnuill Lachainn Alasdair Lachainn a rugadh ann an Inbhir Nis, á Bun na h-Aibhne Deas, Siorramachd Antaiginis. Air a clàradh le 's air a tar-sgrìobhadh le Màiri Britton.

Màiri Britton: Glè mhath, siuthad ma-tha.

Eòs MacFhionghain: Uill aig an àm seo, aig an àm ud, bha sagart ùr aca ann am Broad Cove – tha fhios agaibh càit a bheil Broad Cove?

M: Chan eil fhios agam.

E: Taobh eile Inbhir Nis, mu t(h)rì mile, sìos dol a dh’ionnsaigh an tuath agus co-dhiù bha a’ sagart seo, bha e a’ smaoineachadh gum bu chòir dha mission father fhaighinn. Bha e a’ smaoineachadh nach robh na…na paraiste a’ dèanamh math gu leòr airson a bhith ’dol dhan Aifhreann agus a’ dol dhan Eaglais is rudan mar sin.

Agus chan eil fhios agam càit’ a fhuair e am misean, am misean seo agus… Co-dhiù, thàinig e, is bha e a’ dol a dhèanamh a’ mhisein aige aig seachd uairean anns a’ feasgar. Agus thàinig a h-uile duin’ a dh’ ionnsaigh an eaglais a’ suidh’ a’ feitheamh airson a’ mission father agus thàinig e is thòisich e an t-searmoch. (?) searmon

Agus bhruidhinn e fad uair gun stad, agus an sin stad e mionaid bheag is choimhead e mu chuairt is choisich e suas aig a’- dè facal a th’ agad air ‘altar’? Bha mi a’ feuchainn ri cuimhneachadh dè facal a bh’ aig mo mhàthair is chan eil cuimhne agam. Ach co-dhiù...

M: Chaidh e dh’ionnsaidh na h-altarach?

E: An altarach [sic].

M: An e sin e?

E: ’S e. An altarach. Agus choisich e air ais, chaidh e ionnsaigh na h-altarach choisich e air ais is thòisich e a’ bruidhinn a-rithist. Bhruidhinn e fad uair eile gun stad! Ò, bha e h-uile duine a’ fàs sgìth…

An-sin stad e is choisich e mun cuairt beagan is thòisich e a-rithist a’ bruidhinn. Ach cha deach e ro fhada nuair a stad e is thuirt e ris na parishioners, "A’ bheil fhios aig duine a- staigh ann a-seo a-nochd…a-staigh ann a-seo a-nochd…càit’ a’ bheil an donas a’ suidhe?"

Is dh’èirich Aonghas Mac a’ Ghobhainn agus thuirt e, "Tha mise coma co-dhiù càit’ a’ bheil e a’ suidh’ – faodaidh a(n) suidh’ agamas bhith aige, tha mise a’ dol dhachaigh!"

Agus Aonghas Mac a’ Ghobhainn, ’s e mo shinn-shinn-shinn-sheanair a bh’ ann.

© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Màiri Britton

Please login or register if you'd like to respond.