log asteach
logo

The Living Bridge » Na h-Òrain

Na Gaisgich Òga - Abaidh Dhòmhnallach, Goiridh Dòmhnallach & Treusag NicNìll

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Seo agaibh Tàladh na Beinne Guirme air a ghabhail aig Abaidh is Goiridh ann a' Siudag. Rinn Goiridh mac Alasdair Dhùghaill is Brian Ó hEadhra an t-òran seo.

Fàil ill ó 's na hó ro éileadh o ro
Fàil ill é 's na hó ro éileadh ó
Hiùrabh ó 's na hó ro éileadh o ro
Fàil ill é 's na hó ro éileadh ó.

A dhaoine, bha mi 'seo bho 'n a bhris an là
Sìne, gu sìtheil 'na mo shuain
'S an t-sìorrachd, am bòidhchead slàn mar a dheònaich E
'S an daur a' freagairt dha mo dhuan.

Air maduinn, dh' fhairich mi ann dealachadh
Mo chaithris is m' ònrachd 'tighinn gu ceann
Ceòl na tuaighe is nan duanagan
Dh' éisd mi is thog mi fhìn am fonn.

Daoine, daoine coire, curanta
A ghiùlain gach cruadal 's càs gu treun
Dualchas, dualchas beairteach, briagha, beò
Mar chàirdean, gu'n d' thug iad orm seinn.

Ach thàinig, thàinig oirnn an darna là
Is chunnaic mi mo dhaltan a' sìoladh às
'S gann gu'n cluinn mi an cànan ceòlmhór, blasda, binn
Cànan coimheach, cruaidh a' tighinn 'na h-àit'.

Tha sgleò, tha sgleò air tighinn air an àite seo
Is sàmhchair bho 'n a dh' fhalbh móran
'Nam chaithris air mo chloinn 'nan cadal buan
Fanaidh mi 'gan tàladh ann le 'm òran.

Please login or register if you'd like to respond.