log asteach
logo

The Living Bridge » Cleachdaidhean nam Féilltean

Cleachdaidhean na Samhna am Baile Sheumais

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air a h-aithris le Mìcheal Eòin Chaluim Sheumais Mhóir, Baile Sheumais, Siorramachd Bhictoria. Air a clàradh le Seigheag ni'n Aonghais Iain Pheadair.

[Nam biodh toil agad faighinn amach có a phòsadh tu, chuireadh tu dà shnàthad ann am bobhla do dh' uisge, agus chuireadh tu ainmean orra agus choimheadadh tu orra.]

Migi: ... chuireadh 'ad 's an uist' 'ad. 'S nan tigeadh 'ad ri chéile, bha 'ad dol a phòsadh.

Seigheag: O, ah ha.

M: Ach, feadhainn aca, thuiteadh 'ad. Thuiteadh. Cha phòsadh 'ad.

S: So, dé bh' ann? Bobhla do dh' uisge?

M: 'S e. Bobhla uist' agus snàthad, snàthad. Chuireadh tu a' snàthad, an gille 's a' nighean, air an uiste.

S: Agus, an cuireadh sibh ainm orra? Seo Màiri, seo Tòmas.

M: O, dh' fheumadh, dh' fheumadh tu. Agus, bhiodh na snàthadan a' dol mu chuairt air an uiste. Bhiodh 'ad a' dol mu chuairt. Agus, thigeadh 'ad ri chéile, feadhainn aca. Agus, mara tigeadh 'ad ri chéile, thuiteadh 'ad. Thuiteadh 'ad a's an uiste.

S: Thuiteadh 'ad.

M: Cha bhiodh pòsadh ann.

S: Cha bhitheadh. Cha bhiodh pòsadh ann.

M: Agus, na h-ubhalan. Bha thu 'feuchainn ri ubhal a thoirt ás an uiste. Bobbing apples. Bha siod ann.

S: Robh siod 'na spòrs?

M: Bha, bha.

S: Robh e furast'?

M: Cha robh e furasta.

S: Cha robh.

M: Cha robh. Bhristeadh tu do fhiaclan feuchainn ri ubhal fhaighinn.

S: Bhristeadh, bhristeadh.

M: Agus, tha cuimhn' agam air a bha sinn, o, bha mi gu math òg. Agus, uill, dh' fhalbh sinn anull a dh' àite Jamie (Seumas Sheumais Ruaidh). Uill, bha na seann daoine, bha 'ad beò an uair sin. Agus, chunnaic sinn fear a' coimhead astaigh an uinneag - agus aotroman?? air. O, Mhuire Bhàin, ach an t-eagal a ghabh sinn. A' chiad trup riamh a chunnaic sinn *mask - an t-eagal, ghabh sinn eagal ar bàis. Agus, bha sin, cha robh siod cho dona. Ach, thàinig e 'staigh. Thàinig e 'staigh. O, Mhuire, bha sinn a' smaoineach gu robh e dìreach, gun dàinig e ás ifrionn.

S: Dé 'n aois a bha sibh an uair sin?

M: Uill, cha robh sinn ach sia na seachd.

S: O, sheadh, gu math òg.

M: Bha.

*mask (aodan coimheach)

© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Seigheag ni'n Aonghais

Please login or register if you'd like to respond.