log asteach
logo

The Living Bridge » Còmhradh is Ìomhaighean

Sean is Òg

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air h-aithris le Mìcheal Eòin Chaluim Sheumais Mhóir, Baile Sheumais, Siorramachd Bhictoria. Air a clàradh le Seigheag ni'n Aonghais Iain Pheadair.

[a' bruidhinn air seanmhair Mhìcheil]

Mìcheal: O uell, cha do mhill ise gin aca. Bha i 'g ràdh, "Cha do mhill mise gin aca. Bha naoi agam 's cha do mhill mi gin aca. Cumaibh watch air, cumaibh watch air," chanadh i.

Uell, thàinig an gille aice 's a bhean agus a' leanabh. Thàinig 'ad anuas ás Halifax. Uell, mhill 'ad i cho mór. Uell, cha b' urrainn dhaibh cadal thall a' siod - a' rànaich. Bha i 'rànaich gun stad. Dh' fheumadh 'ad a' chreathal, a' chreathal, bhiodh i 's a' chreathal [...] stadadh i caoineadh. Air a stadadh 'ad (bhuail e 'bhasan) ...

Seigheag: Bha i 'caoineadh.

M: Caoineadh a rithist.

S: Chan urrainn nach robh 'ad sgìth.

M: O, bha. Feumaidh gu robh Gramma dìreach wicked.

S: O, feumaidh 's gun do mhill 'ad i.

M: O, sin agad a thuirt Gramma, "Mhill 'ad i."

S: Mhill 'ad i.

M: 'S e. Mhill 'ad i.

S: Agus, robh sibh 'g innse nach rachadh a' chlann amach ás an taigh gus a robh 'ad mu sheachd bliadhn' a dh' aois?

M: O bha, bha. Uell, bha. Bha. Cha robh 'ad 'dol amach mar a tha 'ad an diugh. Cha robh.

S: Ceart. Agus, a' rachadh 'ad dha 'n eaglais dar a bha 'ad òg?

M: Cha rachadh.

S: Cha rachadh.

M: Uell, cha rachadh gus am biodh tu, uell, naoi na deich, mu faigheadh 'ad a' chiad chomain an toiseach.

S: O, sheadh.

M: Agus, uell, bha 'n aon rud air na seann daoin'. Bha 'ad cho sean. Bha 'ad òg is bha 'ad cho sean.

S: Agus, cha robh na seann daoine a' dol dha 'n eaglais na 's moth'?

M: O, bha. Uell, cha b' urrainn dhaibh coiseachd. Cha b' urrainn dhaibh coiseachd ... na trì mìle ás a' seo, an fheadhainn a bha mu chuairt a' seo. Cha robh na seann daoin' a' dol ann.

S: Cha robh.

M: Cha b' urrainn dhaibh.

S: Cha b' urrainn. Agus, an tigeadh a' sagart air chéilidh oirbh?

M: Thigeadh, thigeadh a' sagart ris a' chomain.

S: Thigeadh.

M: Éisteachd 's a' chomain astaigh air a bhiodh tu ... cha bhiodh tu ach 65 or 70. Coimhead fhéin!

S: Chan urrainn nach robh a' sagart busaidh ged tha.

M: O, bha, bha.

S: A' dol a choimhead air a h-uile duine.

M: Bha, bha baisteadh cha mhór a h-uile latha - baisteadh!

S: Cuimhnich fhéin.

M: Bha. An diugh ...

S: Bha na h-uiread dhiubh ann.

M: Bha. Uell, bha na h-uiread a's an teaghlach, bha, bha. A h-uile taigh a bh' ann, bha seachd, h-ochd, naoi, deich, h-aon deug, dhà dheug, trì deug, ceithir deug a's na taighean.

S: Bha.

M: Bha. 'S bha na ... bha 'ad a' falbh ri baisteadh cha mhór a h-uile latha a's a ...

S: Bha, bha.

M: An diofar a th' ann an diugh.

© Bun is Bàrr, Iomairtean na Gàidhlig
Tar-sgrìobhadh: Seigheag ni'n Aonghais

Please login or register if you'd like to respond.