log asteach
logo

Crìochan Chamuis Anna

Stòraidhean is Naidheachdan

A' Fear a Theich le Brògan an Innsinnich

Facal-toisich

Fear a bha `na skater ainmeil. Thachair e ri grunn Innsinneach a bha skateadh. Lig e air nach do dh’fheuch e ris a' chleas seo riamh roimhe. Thug e 'n car asda `s theich e air na skates.

Neach-aithris: Òmar Bhochanan

A famous skater came across Indians skating in the ice. He pretended he had never skated and asked to try it. He tricked the Indians by fleeing on their skates.

A' Fear a Theich le Brògan an Innsinnich

Seo stòiridh mu dheidhinn fear a theich le brògan an Innseannaich. O chionn fad’ an tìd’ a bha `ad ag obair air a’ railroad anuas tro Orangedale `s Iona ann a’ shin. Bha daoine bhos an taobh siod a’ dol suas a dh’ obair air a railroad ann a’ shiod.

Uill, bha aon duine àraid, Eachann Mac`Illeain `s bh’e `na skater uamhasach math, skater a b’ fheàrr a bha riamh ann a St. Anns. Agus bh’e tighinn anuas dh’ a chois co-dhiùbh. Agus, air ràinig e anuas aig Nyanza ann a’ shiod, bha `n deigh sleamhainn `s bha crowd a’ skateadh ... na h-Innseannaich amuigh a’ skate air an deigh.

Uill, smaoinich e gu dheigheadh e mach a bhruidhinn riutha. Chaidh e mach a bhruidhinn riutha `s ... Uill, leig e orra (air) nach fhac’ e, nach fhac’ e skater riamh ron a’ sin. Agus, o, bh’ e coimhead air na skates. Bh’ e `g iarraidh orr’ a bhith skateadh. `S o uill, smaoinich `ad gum biodh fun gu leòr aca `s `s ann thòisich `ad ag éirigh air na skates a chur air.

O, thuirt e nach d'rinn esan skateadh riamh. O uill, bha poidhle fun gu bhith aca, is dibheirsean, 's  sin a thug iad amach, chuireadh iad na skates air. Uill, an turas, a’ chiad, nuair a dh’ èirich Eachann `na sheasamh air na skates, uill a’ chiad turas a dh’fhalbh e, leig e e-fhéin `na shineadh `s bha `adsan an dùil gun do .......O, bha fun mór aca air.

Bha `ad an dùil gu robh poidhle fun gu bhith ac’. Ach dh’ èirich Eachann mu dheireadh `s bh’ e alright an uair sin `s gheàrr e aisd’ air na skates. Thug na h-Innseannaich air a dheaghaidh... ach cha tigeadh iad faisg air idir, idir, idir. Mu dheireadh, chaidh Eachann às sealladh air... sealleadh timichioll am points. Chan fhac' iad Eachann tuilleadh. Thàinig Eachann dhachaigh air na skates a Chobh Anndra.

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012

A story about a clever fellow who got a new pair of skates.

Eachann mac Eachainn Ghilleasbaig

`S ann à Rubha 'ic an Rothaich a bha Eachann mac Eachainn Ghilleasbaig. `S ann dha `n Eilean Sgitheanach a bhuineadh a chuideachd.  Bha Eachann `na bhàrd ainmeil is bhiodh e ri òrain ait. `S e An t-Each Ruadh a `s fhasanta dhiubh.  Bhiodh e `na thoileachadh mór dha an car a thoirt à duine sam bith a thigeadh `na chòir. Tha cuid dhe na naidheachdan aige ri `m faighinn air Sruth nan Gàidheal agus ann an Cape Breton's Magazine.

Neach-aithris: Òmar Bhochanan

Hector Carmichael came from Munro's Point.  His people belonged to the Isle of Skye.  Hector was a terrific poet and song maker.  He enjoyed making humourous songs, often teasing friends and neighbours. An t-Each Ruadh is perhaps the most famous of his compositions. He loved to play tricks on anyone he knew and got a grand kick out of the antics to follow.  He was a wonderful storyteller, sharing several of them on Gaelstream and in Cape Breton's Magazine.

Eachann mac Eachainn Ghilleasbaig, ...

Eachann mac Eachainn Ghilleasbaig, Bàrd
http://capebretonsmagazine.com/modules/publisher/item.php?itemid=191
Cuid dhe na naidheachdan a bh' aig Eachann mac Eachainn Ghilleasbaig, am measg càirdean
http://capebretonsmagazine.com/modules/publisher/item.php?itemid=977

Feel free to explore, but please login or register if you'd like to participate.