log asteach
logo

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Stòraidhean is Naidheachdan

Dòmhnall Gorm aig Seisd Louisbourg

Facal-toisich

Bha Dòmhnall Gorm `na shaighdear Gàidhealach `s an airm Bhreatannach. `S a’ chogadh ann an 1758, thug e an car às na Fraingich aig seisd Louisbourg. Fhuair na saighdearan Breatannach astaigh do Dhùn Louisbourg is chaidh a' là leis na Sasanaich.

Neach-aithris: Seumas Watson

Dòmhnall Gorm was a Highland soldier in the British army. During the siege of Louisbourg in 1758 he tricked the French, penetrated the defenses and the fortress was captured.

Dòmhnall Gorm aig Seisd Louisbourg

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal

Dòmhnall Gorm was a Highland soldier in the British army. During the siege of Louisbourg in 1758 he tricked the French, penetrated the defenses and the fortress was captured.

Gilleasbuig Eairdsidh Sheumais

`S ann an Eilean na Nollaig a thogadh Gilleasbuig MacCoinnich (Gilleasbuig Eairdsidh Sheumais).  Tha Eilean na Nollaig `na nàbachd a tha air a bhith air leth taiceil do chanain `s do shaoghal na Gàidhlig. Bha athair, Eairdsidh Sheumais, `na mhaighstear-sgoile, `na sgrìobhadair `s `na bhàrd ainmeil. Thug Gilleasbuig móran bhliadhnachan ag obair `na fhear ghnìomhachais eadar Baile Shudnaidh agus Baile Haileafags. A bharrachd air a’ stòr òran a thug e seachad le fialaidheachd do luchd-rannsachaidh, bha mion-èolas prìseil aige air an sgìre fhéin `s an d’ rugadh e.

Neach-aithris: Seumas Watson

Archie MacKenzie was raised in the Parish of Christmas Island, an area with strong Gaelic traditions. His father, also named Archie, was a schoolteacher, a writer and a well-known Gaelic bard. Archie MacKenzie spent many years as a businessman between Sydney and Halifax. In addition to his extensive repertoire of songs that he shared so generously with other Gaels and with researchers, he had a profound and detailed knowledge of the parish were he was raised.