log asteach
logo

Ceap Breatainn an Ear-Dheas

Ceòl is Dannsa

Iain Niall mac Sheòrais `ic Iain `ic Iain, Fìdhleir 1

Facal-toisich

Puirt air an cluich le Iain Niall MacIllEathain; srathspé agus ruidhle a rinn Caiptean Sìm Friseal.

Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain

Tunes in E Flat; strathspey and reel played by John Neil MacLean. The tunes: The Beauty of the North, The Novelty.

Puirt air an seinn le Iain Niall mac Sheòrais `ic Iain `ic Iain

Puirt air an cluich le Iain Niall mac Sheòrais `ic Iain `ic Iain.

The Beauty of the North - Srath Spé - Sìm Friseal
The Novelty - Ruidhle - Sìm Friseal

Tunes by John Neil MacLean.

Iain Niall mac Sheòrais `ic Iain `ic Iain

B’ ann a shliochd Uibhist a Tuath a bha Iain Niall mac Sheòrais `ic Iain `ic Iain. Rugadh e ann an Léig Ghabarus, Siorramachd Cheap Breatainn. Bha Gàidhlig aig a phàrantan `s suim mhór aca ann an ceòl na fìdhle. Thog e fìdhlearachd 'na ghill' òg. Bhiodh Iain Niall a’ cluich aig dannsaichean air feadh Cheap Breatainn an Ear Dheas. Bha e `na thoileachadh dha a bhith a’ measg chàirdean ag eiridh air puirt a' riarachadh.

Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain

John Neil MacLean was a third-generation descendent of settlers from North Uist. Born in Lake Gabarus, he was a well-respected electrician in Cape Breton/Richmond counties. John Neil was raised in a home rich in the Gaelic tradition; his parents were both fluent Gaelic speakers and their love for music was strong. Their neighbour, Earl MacVicar got John Neil started on the fiddle when he was just a boy; and school teacher Alex Ferguson, who boarded with the MacLeans, often helped John Neil pick out a few tunes in the evenings. John Neil played for dances throughout Southeastern Cape Breton and took great joy in having friends visit and sharing tunes.
 

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Ceòl is Dannsa

Eòs Peadar mac Theàrlaich ’ic Eòis, Fìdhlear 1

Facal-toisich

Puirt air an cluich le Eòs Peadair MacIllEathain; dà shrath spé agus ruidhlichean. Ainmeannan nam port: Highlander’s Farewell to Ireland, The Hawthorn Tree of Cawdor, Father Francis Cameron, Cailleach Liath Ratharsaidh,
 Am Muileann Dubh,
 The Old King’s Reel.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

Fiddle medley by Joe Peter MacLean; two old strathspeys, and a few reels. The tunes: Highlander’s Farewell to Ireland, The Hawthorn Tree of Cawdor, Father Francis Cameron, Grey Old Lady of Raasay,
 Am Muileann Dubh, 
The Old King’s Reel.

Puirt air an seinn le Eòs Peadar mac Theàrlaich ’ic Eòis

Puirt air an gabhail le Eòs mac Thearlaich `ic Eòis:

Highlander’s Farewell to Ireland - Srath Spé - Traidiseanta
The Hawthorn Tree of Cawdor - Srath Spé - Traidiseanta
Father Francis Cameron - Ruidhle - Iain Caimbeul
Grey Old Lady of Raasay - Ruidhle - Iain Dall MacAoidh
Am Muileann Dubh - Ruidhle - Traidiseanta
The Old King’s Reel - Ruidhle - Traidiseanta

Tunes by Joe Peter MacLean.

Eòs Peadar mac Theàrlaich ’ic Eòis

Thòisich Eòs Peadar mac Theàrlaich ’ic Eòis air fìdhleareach a dh'ionnsachdh air a' chluais aig an taigh. B' i a' Ghàidhlig a' cheud chànan a bh' aige am broinn an taighe. Chaidh Eòs Peadar a bhreith `s a thogail faisg Baghasdail `s a' sgìreachd Locha Màiri Eumain. B' ann à Uibhist a Deas a bha sinnsearan Eòis. `S e Deasaich a bu mhuth' a sheatlig anns na crìochan goirid do Bhaghasdail. Tha meas mór aig na h-uile air Eòs Peadar mar neach-tagraidh na Gàidhlig tro cheòl `s a chuid sheanchais.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach
 

Joe Peter MacLean is a Gaelic-speaking fiddler who began learning music by ear at home. He was born and raised at MacAdam's Lake near Boisdale. His family's origins are in South Uist. Primarily South Uist folk settled in the area surrounding Bosidale. Joe Peter is a Gaelic supporter highly regarded by all for his music and traditional lore.

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Ceòl is Dannsa

Pòl Ruairidh Iain Dhòmhnaill Sheumais Dhòmhaill Òig Iain Ruairidh, Pìobaire

Facal-toisich

Puirt air an cluich le Pòl MacNìll; caismeachd, srath spé, agus ruidhle a rinn e fhéin. Ainmeannan nam port: Fr John Angus Rankin, Srath Spé Tradaiseanta, Amach a Seo.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

In this clip, Paul MacNeil plays a march, strathspey, and a reel he made himself. The tunes: Fr John Angus Rankin, Traditional Strathspey, Amach a Seo.

See video

Fr John Angus Rankin - Caismeachd - Jerry Holland
Srath Spé - Traidiseanta
Amach a' seo - Ruidhle - Pòl MacNìll

Amach a' seo

Amach a' seo, ma `s e do thoil
Bha mi `suidhe fad a' là
Amach a' seo, ma `s e do thoil
Tha mise gu bhith spòrsail

Togail mise agus esan
agus ise agus iad
Bidh sinn `ruith is bidh sinn `cluich
Is bidh sinn `dol airson a' spéileadh
 

Tunes by Paul MacNeil.

Pòl Ruairidh Iain Dhòmhnaill Sheumais Dhòmhaill Òig Iain Ruairidh

Rugadh Pòl Ruairidh Iain Dhòmhnaill (Sheumais Dhòmhaill Òig Iain Ruairidh) ann an Gleann Bharraigh, Siorramachd Bhioctoria. Thàinig na daoine dha’m buin e às Eilean Bharraigh ann an 1812. Nuair a bha Pòl a’ fàs suas, thug a theaghlach astaigh luchd-bòrdaidh `s bu tric a ghabhadh `ad sin port dha `n chloinn. `S ann mar sin a fhuair Pòl na leasanan mì-fhoirmeil. Chuir e suim mhór a's a’ phìob `s an àm ud. An diugh, tha e `g obair aig Aliant agus a’ fuireach ann a’ Béigh a’ Chaisteil còmhla r' a bhean, Treusag, an cóignear nigheanan, agus a phàrantan. Tha e `na thoileachadh dha a bhith `cur ri dualchas na Gàidhlig astaigh agus 's a' nàbachd.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

Paul MacNeil was born in Barra Glen, Victoria County. His ancestors came to Cape Breton from the Isle of Barra in 1812. When Paul was growing up, his family took in boarders and very often they would share tunes with the children. Paul took informal lessons from some of these visitors and gained a great interest in playing the pipes. Although Paul was away for several years, he has returned home to Cape Breton to raise his family and to work on his Gaelic. He currently works for Aliant and lives in Castlebay with his wife Tracey, their five girls and Paul’s parents. Paul enjoys playing tunes around Cape Breton, making his own Gaelic songs for the enjoyment of his daughters and advocating for the Gaelic language and culture.

Siorramachdan Antaiginis is Phiogto

Ceòl is Dannsa

Jackie Dunn MacIsaac, Ban-Fhìdhlear 2

Facal-toisich

Chaidh a’ cheud phort `s an t-sreath seo,“Memories of John W. MacEachern” a dheanadh le bràthair seanair Jackie, Dan Hughie MacEacharna. `S e an dara port, “Don Side,” air a leantail le “Hornpipe” a rinn Aonghas Sisealach. `S e an ath ruidhle “Paresis". Tha i crìochnachadh le ruidhle tradaiseanta, “Sally Gardens".

Neach-aithris: Seumas Watson
 

This selection begins with a tune composed by Jackie’s granduncle Dan Hughie MacEachern entitled, “Memories of John W. MacEachern.” This air was made for Jackie’s grandfather. The second tune is a traditional strathspey called “Don Side." She follows with “Hornpipe” composed by Angus Chisholm and a reel called “Paresis.” Jackie wraps up the set with a traditional reel called “Sally Gardens."

Puirt air an gabhail le Jackie Dunn MacIsaac

Dunn to a T, 1995 - Jackie Dunn MacIsaac:

Memories of John W. MacEachern Fonn (Dan Hughie MacEachern)
Don Side Strathspey (Traditional)
Hornpipe (Angus Chisholm)
Paresis Reel (Traditional)
Sallly Gardens Reel (Traditional)

Dunn to a T, 1995 - Jackie Dunn MacIsaac:

Memories of John W. MacEachern Air (Dan Hughie MacEachern)
Don Side -  Srath Spé (Traditional)
Hornpipe  (Angus Chisholm)
Paresis - Ruidhle (Traditional)
Sallly Gardens - Ruidhle (Traditional)

Jackie ni’n Sheumais Fraser mac Fhraing Moses ‘ic Sheumais

`S ann do Bhun na h-Aibhne Deas a bhuineas Jackie ni’n Sheumais Fraser (mac Fhraing Moses 'ic Sheumais). `S e ban-fìdhleir `s pianist air leth a th’ innte.  Tha i 'na ban-sgoilear chiùil ann am Bail' Anndra. `S e a seanair, Iain Uilleam MacEacharna a dh’ ionnsaich leughadh `s a sgrìobhadh ceòl do Dhan R. Dòmhnallach. Dh'fhàs Jackie suas ann an taigh làn do cheòl.

Neach-aithris: Seumas Watson

Jackie Dunn MacIsaac was born in Antigonish and grew up in Lower South River, Antigonish County. She is a well-known fiddler, pianist, step-dancer, music and dance instructor, composer and schoolteacher. Jackie is the daughter of James Fraser Dunn and well-known Cape Breton step dancer, Margaret MacEachern of Queensville. Jackie’s late granduncles Dan Hughie MacEachern and Alex Joe MacEachern, were both fiddlers and composers, and her grandfather, the late John Willie MacEachern, also a fiddler, is credited with teaching Dan R. MacDonald to read and write music. Jackie grew up surrounded by music and has been highly influenced by her granduncle Dan Hughie’s playing through her mother, who like Dan Hughie, had a keen memory and ear for tunes. Margaret passed on to Jackie, through John Willie's, Alex Joe's and Dan Hughie's music and beliefs, that tunes should be played correctly and as they were always played in the Gaelic tradition. Jackie is related to many other Cape Breton musicians on both her mother and father’s sides. Her ancestors - MacEacherns, Frasers, MacMasters, MacDonalds, MacMillans – came from Lochaber District, Oban, Morar, Isle of Skye, Kintail, Beauly, Isle of Harris, Spean Bridge, Isle of Eigg, Islay and Moidart.

Siorramachdan Antaiginis is Phiogto

Ceòl is Dannsa

Scott Williams, Pìobaire

Facal-toisich

Puirt air a’ phìob `gan cluich le Scott Williams: fonn-mall, dà shrath spé agus ruidhlichean. Ainmeannan nam port: Fàgail Lismore, Aspen Bank, Lady MacKenzie of Fairburn, Sleepy Maggie, and Archie Brown.

Neach-aithris: Seumas Watson

In this pipe medley, Scott Williams begins with a slow air, goes into two strathspeys and ends with some reels. The tunes: Leaving Lismore, Aspen Bank, Lady MacKenzie of Fairburn, Sleepy Maggie, Archie Brown.

See video

Fàgail Lismore - Fonn socrach - Mrs Martin Hardy
Aspen Bank - Srath Spé - John Mac Phedran
Lady MacKenzie of Fairburn - Srath Spé - Traidiseanta
Sleepy Maggie - Ruidhle - Pipe Major J.G. Slattery
Archie Brown - Ruidhle - J. Scott Skinner

Tunes by Scott Williams.

Scott MacUilleim

Rugadh Scott MacUilleim 's a’ Bhaile Mhór, Siorramachd Antaiginis. Thàinig a’ chiad MhacUilleim, Zephaniah, gu Albainn Nuadh ann an 1783 as deaghaidh na h-Armachd a's na Staitean Aonaichte. `S e té NicHadaidh a bu mhàthair do Scott agus Bana-Chamaranach a bu sheanmhair dha. Bha Scott `na mhaighstir-sgoile ann am Bail' Anndra, Siorramachd Antaiginis. Tha e fhathast ag ionnsachadh na pìoba dha 'n fheadhainn òga `s a' Bhaile Mhór agus ag obair leis a’ chòmhlan-phìoba Clann Thòmais.

Neach-aithris: Seumas Watson

Scott Williams was born in Antigonish, Nova Scotia. He is descendent of Zephaniah Williams, a pioneer who came to Nova Scotia in 1783, following the American Revolution. His mother was a MacHattie from Loch Katrine, and his grandmother was a Cameron from Addington Forks, Antigonish County. Scott taught elementary school in St. Andrews, he continues to hold private bagpipe lessons and has currently organized the Clan Thompson Pipe Band. 

Siorramachdan Antaiginis is Phiogto

Ceòl is Dannsa

Jackie Dunn MacIsaac, Ban-Fìdhlear 1

Facal-toisich

Tha na puirt seo air a'  seinn aig Jackie Dunn. Tha i 'tòiseachadh le “Dan Hughie MacEachern’s Jig,” port a rinn Iain Morris MacRaing do bhràthair a seanar. Thog i an ath phort, “Down the River” aig Budaidh Mac a' Mhaighstir. Rinn i fhéin am port mu dheireadh ’“Jackie I Hardly Knew Ya!”

Neach-aithris: Seumas Watson

This selection of jigs from Jackie begins with “Dan Hughie MacEachern’s jig” a tune named after her granduncle, composed by John Morris Rankin. She picked up the second, a traditional tune entitled, “Down the River” from Buddy MacMaster. The piece concludes with a jig Jackie composed herself called, “Jackie I Hardly Knew Ya!”

Puirt air an gabhail le Jackie Dunn MacIaasc

Dunn to a T, 1995 - Jackie Dunn MacIsaac:

Dan Hughie MacEachern's - Port Cruinn - (John Morris Rankin) SOCAN
Down the Rive - Port Cruinn - (Traidiseanta)
Jackie, I Hardly Knew `Ya - Port Cruinn - (Jackie Dunn)

Dunn to a T, 1995 - Jackie Dunn MacIsaac:

Dan Hughie MacEachern's Jig (John Morris Rankin) SOCAN
Down the Rive Jig (Traditional)
Jackie, I Hardly Knew `Ya Jig (Jackie Dunn)

Jackie ni’n Sheumais Fraser mac Fhraing Moses ‘ic Sheumais

`S ann do Bhun na h-Aibhne Deas a bhuineas Jackie ni’n Sheumais Fraser (mac Fhraing Moses ‘ic Sheumais).  `S e ban-fhìdhleir `s pianist air leth a th' innte. Tha i `na ban-sgoilear chiùil ann am Bail' Anndra. `S e a seanair, Iain Uilleam MacEacharna, a dh’ ionnsaich leughadh is sgrìobhadh ceòl do Dhan R. Dòmhnallach. Dh'fhàs Jackie suas ann an taigh làn do cheòl.

Neach-aithris: Seumas Watson

Jackie Dunn MacIsaac was grew up in Lower South River, Antigonish County. She is a well-known fiddler and pianist. She is a music teacher at St. Andrew's Consolidated. schoolteacher. Her grandfather, the late John Willie MacEachern is credited with teaching Dan R. MacDonald to read and write music. Jackie grew up surrounded by music.

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Ceòl is Dannsa

Daibhidh MacÌosaig, Fìdhleir

Facal-toisich

‘S ann a's an Àrd-Bhaile a rugadh Daibhidh. Dh’ionnsaich e cuid mhath dhe na seann phuirt bho athair a bha 'na dheagh fhìdhleir, Ailig Dan MacÌosaig à St. Rose ann an Siorramachd Inbhirnis. Tha Daibhidh air fear dhe 'n luchd-ciùil as cliùtiche a thànaig à saoghal na Gàidhlig a bhos - tha e a chearta cho math air a’ ghiotàr - `s e ‘An Leabhar Phort’ a thug Gàidheil an eilein air.

Neach-aithris: Seumas Watson

Dave MacIsaac was born in Halifax. He learned many of the old fiddle tunes from his father, Alex Dan MacIsaac of Ste Rose, himself an accomplished player. Dave is one of the best-known traditional musicians to emerge from this Gaelic region – he is also a noted guitarist – and was given the nickname ‘The Tune Book’ by the island’s Gaelic-speakers.

See video

Puirt air an cluich le Daibhidh MacÌosaig.

Tunes by Dave MacIsaac.

Daibhaidh mac Alasdair Dhòmhnall

`S e fear ciùil ainmeil a th’ ann an Daibhaidh mac Alasdair Dhòmhnaill. `S ann às a’ Phrìomh Bhaile a tha e.`S ann a mhuinntir à Earra Ghàidheal a bha a chuideachd.`S ann à Dùnbheagan a bha athair, Alec Dhòmhnaill. Bhuineadh a mhàthair do Lake Ainslie. Dar a bha Daibhaidh a’ fàs suas, `s ann tric a bhiodh luchd-ciùil à Ceap Breatainn a’ tighinn anuas dha 'n taigh ac' air chéilidh. Bha mòran seann chlàraidhean aig Daibhaidh nuair a bha e 'na ghille. An diugh, tha barrachd air mìle clàraidhean do cheòl Cheap Breatainn traidiseanta aige. Seinnidh Daibhidh an fhidheall, giotàr, bass, mandolin, banjo agus mandola.

Neach-aithris: Seumas Watson

Dave MacIsaac is a renowned musician from Halifax, Nova Scotia. He is descended from settlers from Argyllshire. His father, Alex Dan, was from St. Rose, Inverness County, and his mother, Frances MacDonald, was from West Lake Ainslie. His father was a fiddler and musicians would frequently come up from Cape Breton to visit and share tunes with the MacIsaacs. Dave enjoyed listening to old fiddle recordings as a child and now has collected thousands of traditional Cape Breton musical recordings. Dave is accomplished on violin, guitar, bass, mandolin, banjo and mandola.

Crìochan Prìomh Bhaile Haileafags

Ceòl is Dannsa

Harvey Peutan, Dannsair

Facal-toisich

Harvey Peutan a’ danns ann an Haileafeags `s a' Chéitean 2011. Ceòl le Howie Dòmhnallach aig Dannsa Cheap Breatainn.

Neach-aithris: Seumas Watson

Harvey Beaton stepdancing at the Cape Breton dance in Halifax, May 2011. Music provided by Howie MacDonald.

See video

Harvey Peutan a’ danns ann an Haileafeags `s a' Chéitean 2011. Ceòl le Howie Dòmhnallach aig Dannsa Cheap Breatainn.

The Reel of Cluny - Ruidhle - Joseph Lowe

'Air a chleachdadh le cead.

Harvey Beaton stepdancing at the Cape Breton dance in Halifax, May 2011. Music provided by Howie MacDonald.

The Reel of Cluny - Reel - Joseph Lowe

Used wiith permission.

Siorramachd Inbhir Nis

Ceòl is Dannsa

Ruairidh Dòmhnallach a’ danns'

Facal-toisich

Ruairidh Dòmhnallach a’ deanadh ceum air Féill nan 50 Bliadhna bhon thòisich Céilidh Bhràigh na h-Aibhne.

Neach-aithris: Séidheag Nic’illeMhaoil

Rodney MacDonald step dancing at the 50th anniversary Glendale Céilidh.

See video

Stapan aig Ruaraidh mac Alasdair Aonghas `ic Choinnich Shandaidh Fhionnlaigh.  Howie Dòmhnallach air a’chlàrsaich mhóir, Glenn Greumach air an fhidhill 's Sandaidh Dòmhnallach air a’ghiotàr.

'Air a chleachdadh le cead.

Steps by Rodney MacDonald. Howie MacDonald on keyboard, Glenn Graham on fiddle, and Sandy MacDonald on guitar.

Used with permission.

Ruaraidh mac Alasdair Aonghais `ic Coinnich Shandaidh Fhionnlaigh

`S ann à Màbu a tha Ruaraidh mac Alasdair Aonghas `ic Coinnich Shandaidh Fhionnlaigh. Dh’obraich e mar neach-teagaisg, tha e 'na fhear ciùil, thug e greis 'na phrìomhair air Albainn Nuaidh, agus tha e a nist 'na CEO ùr a th’ aig Colaisde na Gàidhlig ann an Camus Anna. Tha teaghlach Ruaraidh làn ciùil agus thàinig `ad à Lochabar o thùs. `S e fìdhlear `s co-ghleusaiche cliùiteach a bh’ ann an athair a mhàthair, Dòmhnall Aonghais Raghnaill. Ainmeil mar dhannsair, tha Ruaraidh sònraichte air an fhìdhill airson dannsairean.

Neach-aithris: Séidheag Nic’illeMhaoil

Rodney MacDonald, of Mabou, Inverness County, is an educator, musician, former Premier of Nova Scotia and the newly appointed CEO of the Gaelic College in St. Ann’s. Rodney comes from a musical family, whose origins are in Lochaber. His mother’s father was the great fiddler and composer, Donald Angus Beaton. In English the family's handle is "The Kenny Sandy Finlay's".  A step dancer himself, Rodney is admired for his dance style and fiddle playing.

Siorramachd Inbhir Nis

Ceòl is Dannsa

Iain MacDhùghaill, Fìdhleir

Facal-toisich

Sreath do phuirt dannsaidh – srath spé agus ruidhlichean - air an cluich le Iain MacDhùghaill.

Neach-aithris: Séidheag Nic’illeMhaoil

A set of tunes for stepdancing – a strathspey followed by reels – played by John MacDougall. The tunes: Calum Crùbach, Am Muileann Dubh, Sir Reginald MacDonald, Traditional Reel.

See video

Calum Crùbag (Traidiseanta) - Srath Spé
Muilean Dubh (Traidiseanta) - Ruidhle
Sir Reginald MacDonald (Traidiseanta) - Ruidhle
Ruidhle (Traidiseanta)

Air a chleachdadh le cead.

A set of stepdancing tunes by John MacDougall.

Used with permission.

Iain mac Sheòrais `ic Ailein

Chaidh Iain mac Sheòrais `ic Ailein a bhreith ann an Éipheit, Siorramachd Inbhirnis. `S ann à Muideart a thàinig na daoin' aige. `S e fìdhleir agus co-ghleusaich’ ainmeil a bh’ ann. Bhiodh e ceartachadh fhìdhlean `s phianos aig an taigh aige fhéin ann an Ceann Loch. Bha Iain a' sàs anns na 70s a’ cumail beò ceòl na fìdhleadh agus a’ toirt leasanan ciùil air feadh Siorramachd Inbhirnis. Thog e fhéin an fhìdheall nuair a bha e `na ghille, agus mar dheugair bhiodh e `cluich aig partaidhean `s dannsaichean `s na taighean-sgoile. Bha meas mór aig Iain air sàr-fhìdhlear ionadail dha’m b’ainm Aonghas Ailean Gilliosach à Ceann Mhargaraidh agus thog e poidhle bhuaithe-san. Rinn Iain barrachd air 33,000 puirt `na bheatha agus rachadh aige air a dhà neo trì dhiubh a dheanadh ann a’ là fhéin.

Neach-aithris: Séidheag Nic’illeMhaoil

John MacDougall, fiddler and composer, was born to George and Margaret (MacLellan) in Egypt, Inverness County. He is descended from immigrants from Moidart, Scotland. John operated a violin and piano repair shop for many years based out of his home in Kenloch. He also taught fiddle lessons throughout the county and played a major role in the resurgence of fiddle music in the 1970s. John picked up the fiddle as a child and in his teen years often played at parties and dances in the schoolhouses. He was greatly influenced by local and well-respected fiddler Angus Allan Gillis of Upper Margaree. John composed over 33, 000 tunes in his lifetime and was said to have been able to make two or three tunes in a day.