An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
Tha deoch làidir agus a’ chléir `nan dà chuspair air am bidh naidheachdan beaga éibhinn a’ tarraing gu tric. A's an stòraidh ait seo, air aithris aig Tormod MacGillEathain, nach maireann, a mhuinntir a’ Ghlinne Mhóir, tha ministear a’ searmonachadh air olc na dibhe. Am measg na feadhnach `s an éisdeachd, tha duine eirmseach, biorach air a theangaidh.
Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach
Strong drink and the clergy form the basis of many humorous Gaelic stories. In this story, the late Norman MacLean of Barra Glen Road tells of minister preaching the evils of drink and the witty response of an indiv individual in the audience.
Bha Ministear a’s a' pharaiste, bha e uamhasach down, sìos air a’ gnog. Agus an oidhch’ a bha seo, dh’iarr e orr’ iad a’ cruinnicheadh aig a' hall, agus gu sealladh esan leotha dé bha `ad ag òl.
Ach, chruinnich iad uile aig a’ hall, aig an àite. `S thànaig e `staigh, -- dà bhotul aige. Botul do Sandy MacDonald whisky agus botul uiste, is dà ghloinne. Chuir e siod air a’ bhòrd. Thòisich e `g innse . . . nist’ tha mi dol a dh’ innse . . . shealltain dhuibh rud a tha sibh ag òl agus rud a bu chòir dhuibh a bhith `g òl.
Agus ars’ esan, thug e bogsa beag as a’ phòca agus thug e té dha na boiteagan `s chuir e dha `n ghloinne rum i. Chaidh i mun chuairt aon triop ann `s chaidh i sìos dha `n bhotum. Bhàsaich i. Chuir e an uair sin an téile a’s a’ ghloinn’ uiste. Thòisich ise dol mun cuairt, dol mun cuairt, bha i `dol mun cuairt.
Agus dh’éirich sean fhear air cùl chaich. Thànaig e anuas. Dh’fhaoignich e dha, “Gu dé bh’ a’s a bhotul a bha siod?”
Thuirt esan, “Sandy MacDonald.”
“O feumaidh mi falbh am màireach agus botul dheth fhaighinn. Tha bean agam làn bhiastaigan.”
© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Frangag NicEachainn
Air a dheasachadh le: Sgioba a' Phroiseigt
A humorous anecdote about a minister preaching against strong drink.
Rugadh Tormad Pheadair Ruaraidh Ghilleasbuig ann an Cùl Abhainn Ottawa, Siorramachd Bhioctoria. Mar a th' ann dha 'n a' chuid a `s motha dhe na teaghlaichean anns a' bhad sin, b’ ann do dh' Eilean Bharraigh a bhuineadh a shinnsearan. Phòs Tormad té Mairead Marsh `s bha triùir chloinneadh deug do theaghlach aca. Bha Tormad air fhastadh fad bhliadhnaichean aig plant a' ghiopsam a's na Narrows Bheaga.
Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach
Norman MacLean was born in Rear Ottawa Brook, Victoria County. Like many families on that side of the Iona Peninsula, Norman’s ancestors came from the Isle of Barra. Norman married Margaret Marsh and they had a family of thirteen. Norman worked for many years at the Little Narrows Gypsum Plant.
Norman MacLean est né à Rear Ottawa Brook, dans le comté de Victoria. Comme pour bon nombre de familles de la péninsule d’Iona, les ancêtres de Norman étaient originaires de l’île de Barra. Norman a épousé Margaret Marsh et ils ont eu 13 enfants. Norman a travaillé pendant de nombreuses années à l’usine de gypse de Little Narrows.
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.