log asteach
logo

Ceap Breatainn an Ear-Dheas

Na h-Òrain

Dan do Sheann Ford

Facal-toisich

Rinn Uilleam mac Ghilleasbuig an t-òran seo air seann Mhodel-T Ford a bh’aig Dòmhnall mac Iain `ic Dhòmhnaill `ic Iain `ic Nìll `ic Uilleam (MacLaomuinn) à Aiseag Mhira. Tha Uilleam a’ toirt dealbh air cho cunnartach, ropach `s a bha an càr a bh’ann. Feumaidh gu robh e ceart gu leòr agus an teaghlach do Lamanaich ud a’ gabhail naidheachd an t-seann Ford aig Dan gu ruige a’ là seo fhéin.

Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain

William MacVicar made this song about an old Model-T Ford that belonged to Donald “Dan” Lamond from Mira Ferry. In the song, William talks about how dangerous the car was. He was probably telling the truth, as stories about this car are still told among the Lamond family today.

William MacVicar a composé cette chanson sur une vieille automobile Ford Model T qui appartenait à Donald « Dan » Lamond, de Mira Ferry. Dans la chanson, William raconte combien l’automobile était dangereuse. Il disait probablement la vérité, parce que l’on raconte encore des histoires sur cette voiture dans la famille Lamond aujourd’hui.

See video

Séisd:
Tha buidh’ air an uisge bheath’,
Tha buidh’ air `s cha ghabh e cleith,
Tha buidh air an uisge bheatha,
Dh’òlainn teth is fuar e.

An cuala sibh ‘san àite seo,
An càr a fhuair a’Làmanach,
Gu fan i far na fàgar i ,
Mur tàirnear i cha ghluais i.

‘Se siod an càr tha cunnartach
Ma tharas i air buille thoirt dhut;
An làrach far a cuir i thu,
Gu fuirich thu ‘nad shuain ann

‘Us ma théid thu asteach gu baile leath’
Aig […?] gun caillear i,
Cha dean i cnoc Iain Shalaich dheth;
Cha toir a h-anail suas i.

O thuirt Dòmhnall Angaidh ris
‘Mun d’fhuair sibh ‘chùis a rannsachadh,
Tha’n uidheam stiùiridh cam innte;
Mun dean i call cuir bhuat i’.

Is neònach liom nach do ghlac iad thu
Nuair thug thu chun na margaid i;
Cà robh do shùil nach fac’ thu i,
`S do chlaistneach nach do chuala?

O, chan eil innt’ ach sàrachadh,
Gun inneal leis an càrar i;
Dean dìleab chun a’chàrnan leath’
Leig bàs leath’ mar as dual dhut.

O chan eil innt’ ach trìlleachain,
Gun sian innt’ ach na pìosannan;
Tha i colach ri gunna an Innseannaich,
Gun sian innt’ ach `fhuaimean.

Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt 2012

Song about a worn-out, old car.

Chanson sur une vieille voiture très vieille.

Ailean mac Ruairidh Aonghais Dhòmhnaill Uilleim

`S e Ailean mac Ruairidh Aonghais Dhòmhnaill Uilleim à New Boston a ghabh an t-òran seo. `S ann aig athair, Ruaraidh, a thog Ailean a chuid a bu mhótha dhe `n h-òrain aige. Cha bu mhór nach robh cuideigin air chéilidh gach oidhche `s an taigh. Nam biodh a' chidsin làn dhaoine, bhiodh stumpaichean agus déilean 'gan cur ris a' bhalla gu faigheadh gach neach suidheachan ann. `S e stoc à Leòdhas a tha `s an teaghlach seo do Chloinn `ic Leòid.

`S ann a mhuinntir Chatalón a bha Uilleam mac Ghilleasbuig, fear do Chloinn a' Phiocair. Thuinich an cinneadh seo a’s na crìochan ud às Uibhist a Tuath. Tha e coltach gu robh am bàrd an còmhnaidh ri òrain éibhinn a dheanadh mu thachartasan 's an nàbuchd aige. Nam biodh rudeigin neònach air éirigh ri cuideigin, chanadh iad, “Na can guth do dh’Uilleam,” air eagal 's gun deanadh e òran, na aoir, mu deidhinn.

Neach-aithris: Stéiseag Nic'Illeathain

Allan MacLeod from New Boston sings this song for us. Allan learned most of his songs from his father. Most nights there was someone in visiting and many nights there was a crowd in the kitchen. Allan said that they would keep stumps and boards against the wall in the kitchen to make places to sit. The origins of this MacLeod family are in the Isle of Lewis.

William MacVicar was of the North Uist people who settled in Catalone and the surrounding area. He made an abundance of song, many of them humorous, about things that happened in the neighbourhood. If something strange, or unusual, happened to someone, they would say, “Don't say a word to William,” as they were afraid he would make a song about it.

C’est Allan MacLeod de New Boston qui nous chante cette chanson. Allan a appris la plupart de ses chansons auprès de son père. La plupart du temps, en soirée, dans sa famille, il y avait de la visite et souvent même une vraie foule dans la cuisine. Allan racontait qu’ils gardaient de vieilles souches et des planches contre le mur dans la cuisine pour que les gens puissent s’asseoir. Cette famille MacLeod est originaire de l’île de Lewis.

William MacVicar faisait partie des gens de North Uist qui se sont établis à Catalone et dans les alentours. Il a composé toutes sortes de chansons, souvent humoristiques, sur ce qui se passait dans le voisinage. Si quelque chose de bizarre ou d’inhabituel arrivait à quelqu’un, les gens disaient « N’en dis rien à William! », parce qu’ils craignaient qu’il en fasse une chanson.