log asteach
logo

Siorramachdan Antaiginis is Phiogto

Na h-Òrain

Thug mi `n Oidhche Raoir `s an Àiridh

Facal-toisich

Òran éibhinn, aighearach mu fhear a chaidh dha 'n àirigh as t-samhradh a shuirighe air a leannan. Rinneadh an t-òran seo leis a’ phìobaire ainmeil Iain MacGilleBhràth à Mùideart. 'S tric a bha e `ga chluich eadar Antaiginis agus Ceap Breatainn.

Neach-aithris: Seumas Watson

A light-hearted, comical song about a man who went courting to the summer shieling. It was composed by John MacGillivray, a famous piper from Moidart, and was popular among singers in Antigonish Co. and Cape Breton.

Thug mi `n Oidhche Raoir `s an Àiridh

Séisd:
Thug mi `n oidhche raoir sa’n àirigh,
Thug mi `n oidhche raoir sa’n àirigh,
Thug mi `n oidhche raoir gu caoineil,
Maille ri maighdinn na h-àiridh.

Mìle marbhaisg air an t-suireadh,
`S bochd le neach da’ n d’ théid i iomrull,
Bidh inntinn fo làn iomaguin,
Gluasad cho simplidh ri méirleach.

Oidhche dhomh `s mi bun an tìre,
`S mi goirid o bheagan nìonag,
`Smaointinn mi gluasad os `n ìosal,
Nochdadh mo bhìodail le gradh dhoibh.

Nuair ràinig mi taigh an Dùnain,
Bha chòmhla ac’ air a deagh dhùnadh,
`Sa dh’ aindeoin m’ eòlais a’s mo thùir,
Gun thòisich na goid chùil ri rànaich.

Labhair mo chompanach rùnach,
Déan stad `s feuchaidh sinn cleas ùr dhi,
Faigh thusa boiseag dheth `n bhùrn,
`S gun cum sinn na lùdagan samhach.

Fhuair sinn staigh gun dad uamhainn,
`S bha sinn furasda nar gluasad,
Ràinig sinn leaba nan gruagach,
`S chuir mi fhìn le stuaim mo làmh orr’.

Thuirt i rium, na tig na`s fhaide,
`S leanabh té eile am achlais,
Chan eil rùm agad fon phlaide,
`S bi tilleadh dhachaidh mar thàinig.

Thuirt mise, na bi cho doichiollach,
Fuirich gu sìobhalta socrach,
Dad a mhìo-mhodh dhuit cha nochd mi,
Gus `n éirich thu moch a’ màireach.

Thuirt i, matà cuir dhiot t-aodach,
Bheir mise nochd mo leth-taobh dhuit,
Air eagal `s gun dean thu m’ aoireadh,
`S chan ann air son gaol do mhànrain.

Mun d’ fhuair mi fhìn gu socrachd,
Ciod a rinn am pàist ach mosgladh,
`S a nuair a ghrìos mi e bhith tosdach,
`S ann theann e `s droch-uair air rànaich.

Thuirt bean an taighe le dearras,
A chlann a chum mi am chaithris,
Ar leam gum feumaidh sibh anail,
Gur siùbhlach ur teanga le Gàidhlig.

Chuir a briathran mi o thapadh,
Eadar seòrsa nàire `s gealtahd,
`S cha robh driùchd a bha roimh `m chraicionn,
Nach cuireadh cnag air an làr dheth.

Dh’ éirich i ionunn `sa bhith ruisgte,
`S theann i ri lasadh a chrùisgein,
`S mun d’fhosgail i ceart a sùilean,
Bha mis air taobh cùil na fardaich.

Ach fhir tha fuireach `sa bhaile,
Giùlain mo shoraidh gu Anna,
`S innis dhi gun d’ rinneadh èalaidh,
Don luchd faire bh’ air an àirigh.

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh:  Comhchruinneacha do Dh’ Òrain Taghte Gàidhealach by Pàdraig Mac an Tuairneir

A light-hearted, comical song about a man who went courting to the summer shieling.

Iain "Am Pìobaire"

Chaidh Iain “Am Pìobaire” a bhreith ann am Mùideart anull mu dheireadh a’ cheud 1700. Bha e `na phìobaire agus `na bhàrd do Ghleann Athaladail. Dh’imich e anull gu Siorrachd Antaiginis `s a’ bhliadhna 1816 far an do thuinich e `s a’ sgìreachd Malignant Brook. Bha mac aige air a robh Iain, a rugadh ann an Albainn Nuaidh. Dh’ionnsaich Iain am Pìobaire seinn na pìobadh dha mhac seo air an dugadh Iain Am Pìobaire mar leas-ainm cuideachd.

Neach-aithris: Seumas Watson

John “The Piper” MacGillivray was born in Moideart around the end of the eighteenth century. He was piper and bard to Glenaladale. He removed to Antigonish in 1816 and settled in the Malignant Brook area. He had a son also called “John The Piper” whom he taught to play the pipes.