An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.
Rinneadh an t-òran seo leis a’ bhàrd MacIlleain as deaghaidh dha fearann a thogail air tìr mór ann an Albainn Nuaidh faisg air Antagonais. `S ann an Tiriodh a rugadh 's thogadh am bàrd. `S an òran, tha e 'moladh an t-saoghail Ghaidhealaich `s na daoine air gach taobh dhe 'n Chuan Siar.
Neach-aithris: Lodaidh MacFhionghain
This song was composed by the Bard MacLean, after he settled in Nova Scotia, not far from Antigonish. He was born and raised in Tiree. The song is a celebration of the Gaelic world as it existed then, on both sides of the Atlantic.
Séisd:
Bithibh aotrom `s togaibh fonn,
Cridheil, sùnndach gun bhi trom,
`G òl deoch-slàinte na bheil thall,
Ann an Tìr nam Beann `s nan Gleannaibh
Fhuair mi sgeul a tha leam binn,
Dh' ùraich gleus air teud mo chinn,
`S bidh mi nis a' dol `g a sheinn,
Ged tha mi `s a choill am falach.
Gur h-e `n sgeul a fhuair mi `n dràsd,
`S a dhùisg m' inntinn suas gu dàn,
Bha `gam iarraidh dh' ionnsaidh bhàil,
Th' aig na Gàidheil tùs an Earraich.
Nuair a théid an comunn cruinn,
Bidh iad sìobhalta le loinn,
Cliùiteach, ciallach, fialaidh grinn,
`S bheir iad coibhneas do fhear aineoil.
Nuair a shuidheas iad mu `n bhòrd,
Bheir iad tacan air an òl,
`S fidheall theud bho `n gleusar ceòl,
Cur nan òganach `nan deannaibh.
Cha bhi sgrùbaireachd mu `n chlàr,
Ann an cuideachdas mo ghràidh,
Aig a bheil an inntinn àrd,
`S nach gabh tàmailt bho na Gallaibh.
Nuair a théid an fhidh'll `na tàmh,
Bheir iad treis air cainnt nam bàrd,
Dhùisgeas fonn neo-throm `nan càil,
Anns a' Ghàidhlig is glan gearradh.
Chànain ghasda, bhlasda, bhinn!
`S i bha `n cleachdadh aig na suinn,
Dhearbh an gaisge `m feachd an rìgh:
`S iomadh tìr `s an d'thug iad deannal.
Luchd nam breacan bha `s gach àm,
Fuasgailteach an strì nan lann:
Nuair a ghluaiseadh iad bho `n chàmp,
Chuirte `n ruaig, `s bu teann an leantail.
`S ann ac' féin tha `n t-éideadh grinn!
Breacan guaille, féile cuim,
Osan geàrr mu `n chalpa chruinn,
`S boineid ghorm os ceann na mala.
Stàilinn ghlas, mar ealtainn giar,
Chleachdadh anns na baiteil riamh,
Leis na gaisgich nach tais fiamh,
`S nach biodh riamalach a' tarruing.
Bha iad firinneach gun fhoill,
`N àm dol sìos is pìob `ga seinn:
Rùisgteadh brataichean ri croinn,
Aig na saighdearaibh nach mealladh.
`S bho `n a chinn sibh féin o `n dream,
Dh' àraicheadh fo sgéith nam beann,
Bhuannaich anns an Éiphit geall,
`S a chuir Frangaich as an t-sealladh.
Ged tha sibh an Tìr nan Craobh,
Cuimhnichibh air beus nan laoch!
Leòghainn bhorb bu ghairge fraoch;
`S iad nach aomadh as a' charraid.
Ged tha sibh an Albainn Ùir
Caithibh an oidhche le sùnnd:
`S an deoch-slàinte thig air tùs,
Olaidh sinn gu grùnnd, gach fear i.
Olaibh air na Gàidheil threun,
Rachadh acfhuinneach air ghleus,
`S a tha fuasgailteach gu feum;
Sealgairean air féidh `s na beannaibh.
Soraidh bhuam do `n t-sluagh a nùll
Tha `s an tìr `s an robh mi `n tùs -
`S tric a dh' fheuch iad bàt' fo shiùil,
`S iad `ga stiùireadh dh' ionnsaigh cala.
Bho nach ruig sinn orra `n dràsd,
Lìon a' chuach a suas fo stràic,
`S cuir mu `n cuairt i nuas gun dàil,
Ann an onair àrd nam fearaibh.
Tar-sgrìobhadh: Clarsach na Coille
The song is a celebration of the Gaelic world as it existed at the time of composition, on both sides of the Atlantic.
Chaidh Carman ni’n Gharaidh Choinnich a bhreith ann an Siorramachd Phiogto. `S ann à Earra-Ghàidheal a bha a cuideachd bho thùs. Thàinig iad a dh’Eilean Eòin mun do sheatlig iad ann am Piogto. Tha Carman a’ teagasg Gàidhlig aig Baile, ag obair aig a’ Chlachan Ghàidhealach `na Àrd Neach-taisbeanaidh agus a`cumail taigh Gàidhlig ann am Baile nan Giolasach. Chuir Carman seachad bliadhna a’ fanaid còmhla ri té Catrìona Chamaranach, ann an Màbu an Ear-thuath, far na thog i cuid mhath dhe 'n Ghàidhlig aice.
Neach-aithris: Seumas Watson
Carmen MacArthur was born in the town of Pictou. Her ancestors came from Argylshire to Prince Edward Island, before they settled in Pictou County. Carmen teaches Gàidhlig aig Baile classes, she is the Chief Interpreter at the Highland Village and lives in a Gaelic house in Gillisdale, Inverness County. Carmen spent a year living with native speaker, Catherine Cameron in Northeast Mabou where she acquired a good piece of her Gaelic.
An Drochaid Eadarainn Tha i seo 'na làraich-lìn a sholaraicheas dorust fosgailte do dhualchas beò na Gàidhlig mar a chìthear, a chluinnear 's a chleachdar a' là an-diugh ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh.