log asteach
logo

The Living Bridge » Stòraidhean is Naidheachdan

A' Chailleach a Bheat an Deamhan

joined 1/1/70. Far loighne

0 replies

Air a h-innse aig Dòmhnall Iain Fhionnlaigh (MacCoinnich), nach maireann. 'S ann do Phòn na Maiseadh a bhuineadh e.

DÒMHNALL IAIN FHIONNLAIGH: A' chailleach a bh'ann a bheat An Deamhan. Bheat i An Deamhan. She trimmed the Devil. Alright, ma tha. Tha i seo cuimseach math. Tha i car blasta. 'S d' fhiach dhut a cur sìos.

IAIN SEATHACH: Tha sinn deiseil.

DIF: Bheil thu deiseil?

IS: Tha.

DIF: Bha boireannach ann a's a' nàbachd trup. Chaidh i 'mach air a' rathad là agus thachair duine rithe. Cha do dh' aithnich is' an duine idir.

"Co thu?" dh' fhaighnich i dha. "Chan eil mi 'gad aithneachadh idir. Cha bhuin thu mu chuairt a' seo."

"Cha bhuin," os' esan.

"An e politician a th' annad?" dh' fhaighnich i dha.

"Chan e," os' esan.

"Uill, có thu?"

" 'S mise," os' esan, "an Deamhan."

"An Deamhan! Dé tha thu 'dèanadh mun cuairt a seo?"

"Uill, 's aithne dhut am muillear. Tha muileann aig'. Chan eil e fad sam bith ás a' seo. Muileann-bleith aige. Tha mise mun cuairt a' seo o chionn seachd bliadhna 's tha mi 'feuchainn ri cur eadar am muillear 's a bhean, a' cur eadarra. Tha thu tuigsinn sin."

IS: Tha. Tha.

DIF: " 'S e fàilleachdainn orm!" os' esan, thuirt an Deamhan.

"Uill," thuirt ise, thuirt am boireannach ris, "Chan eil strì sin a' cur eadarra. Their dhomhsa paidhir bhròg, agus cuiridh mi eadarra."

"Oh, a Mhuire," thuirt an Deamhan. "Bheir. 'S mise a bheir sin dhut paidhir bhròg ma chuireas tu eadarra."

"Cuiridh!" os' ise. "Coinnich am màireach ann a' seo mi," os' ise, thuirt i ris an Deamhan.

"Coinnichidh," os' an Deamhan.

Dh' fhalbh ise, chum i roimhe gu àite muillear. B' aithne ... ban-nàbaidh dhaibh p-fhéin. Chaidh i gu àit' a bha 'm muillear ag obair 's a' mhuileann. Bha a bhean a-staigh a' bruich dìnnearach, ag obair. Chaidh i a-staigh 's bha i 'bruidhinn ri bean a' mhuilleir.

Bha 'ad a' cadal, am muillear 's a bhean, bha rum far a' chidsin. Agus bha ise 'watchadh bean a' mhuilleir. Dé bha 'ad ag ùsaideachadh an uair ud? Tha mi 'creidsinn g'eil cuimhn' agad fhéin air na straight razors airson shaveadh. Chaidh bean a' mhuilleir a-mach; fhuair ise 'mach 'son rudeigin, 's bha ise 'watchadh - an té a bha 'staigh. Leam i 'null dha 'n t-shelf, a's a' chidsin,'s ghrab i razor aig a' mhuillear ... fear a, fear a ... Chaidh i 'null dha 'n rum, chuir i staigh fo 'n chluasag aig bean a' mhuilleir, a' razor.

Thàinig bean a' mhuilleir, thàinig ise 'nall. Shuidh i, an deamhan, a' chailleach a bheat an deamhan. Bha i bruidhinn,

"Oh, feumaidh mi falbh," thuirt ise. Dh' fhalbh i. Chaidh i dha 'n mhuileann, thadhail i aig a' mhuileann.

Thuirt i ris a' mhuillear, "Tha a' bhean agad a' dol a ghearradh do sgòrnan an nochd dar a chaidileas tu."

"Chan eil!" os' am muillear rith'.

"Tha! Tha! Tha!" os' ise. " 'S mis' ag innse mi dhut gu bheil. Nuair a théid thu dhachaigh gu d' dhìnnear, coimhead fo 'n chluasag aice-se 's tha straight razor ann."

By the crippers, nuair a chaidh am muillear dhachaigh, studaig e air 's chaidh e dha' n chluasag 's bha straight razor ann.

Nach robh i dona aniste, dar ... a chéil' e??, a' chailleach a bheat an deamhan.

Thuirt am muillear ris a' bhean, "Tha thu 'dol a ghearradh mo sgòrnan an nochd....coimhead a' razor fo 'n chluasag ud."

"Chan eil!" os' ise.

"Tha!"

"Uill," os' ise, "cha do chuir mise razor fo 'n chluasag."

"Chuir! Cé eile a chuir ann e, ach thusa?"

Start e 'mach a's a' row.?? B' fheudar dha bhean a' mhuilleir togail aiste. Dhraibh e 'mach i.

A' làrna-màireach, mheet am boireannach an Deamhan. Chunnaic i e 'tighinn mu coinneamh. Bha pòla mór, mór fad' aige. Bha na brògan aic' air ceangal a muigh a' phòla. Shìn e am pòla dhi.

"Tha thu," os' esan "cho dona" os' esan, thuirt e ris a' bhoireannach, "nach urrainn dhomh dol na 's giorra dhut!"

"Siod na brògan agad!" os' esan, thuirt an Deamhan.

"A bheil thu cinnteach," os' ise ris an Deamhan, "gum fit na brògan mi? An d' fhuair thu size 8's a dh' iarr mi. An e size 8's a th' annda?"

" 'S e." os' an Deamhan. Thug i leath' na brògan 's dh' fheuch i oirre 'ad.

"Tha 'ad, tha 'ad glé m(h)ath. Tapadh leat." 'S dh'fhalbh i. Chaidh i dhachaigh.

A' chailleach a bheat an Deamhan, uill, bheat i e!

IS: Bheat!

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Nona MacDonald-Dyke
Air a dheasachadh le: Sgioba a' Phroiseigt

Please login or register if you'd like to respond.