log asteach
logo

Ceap Breatainn: Loch Bhras d’Or

Stòraidhean is Naidheachdan

Creag nam Bròg

Facal-toisich

`S an t-seann aimsir, bhiodh muinntir Bhaghasdail a’ coiseachd dh’ionnsaigh a’ Bhàr a cheannach ghoireasan. Air an t-slighe, chuireadh iad orra brògan mun ruigeadh iad am baile `s chuireadh iad dhiubh na brògan aig an dearbh àite air an tilleadh. Dhèante seo gus leathar bhròg a chaomhnadh.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

A comical account of people walking from Boisdale to buy supplies in North Sydney, and their practice of putting on their shoes as they approached town, and removing them on their return journey.

Creag nam Bròg

Na daoine a bha fuireach anns a’ Bharachois agus ann am Baghasdail an toiseach an t-saoghail, cha robh ach aon stòr air a’ Bhàr - 's e sin Sudni a’ Tuath - àite Gheamail. Agus bhiodh iad a’ coiseachd dh’ ionnsaigh a’ Bhàr a cheannach ghnothaichean a bhiodh a dhìth orra mun taigh – tì 's siùcar 's gnothaichean mar sin.

Agus, bha aon chreag mhór ann agus an t-ainm a bh’aca air a’ chreag a bha sin, 's e ‘Creag nam Bròg.’ Choisicheadh iad air an casa'-rùisgte dh’ionnsaigh na creigeadh agus chuireadh iad na brògan orra agus choisicheadh iad dha 'n bhaile. Agus, nuair a bhiodh 'ad a’ tighinn dhachaigh, stadadh iad aig Creag nam Bròg agus bheireadh iad na brògan dhiubh. Agus choisicheadh iad air an casa'-rùisgte dhachaigh.

Ach Lucy Heag, mo mhuime, bha i bochd a’s an t-saoghal, agus bhiodh i toirt leatha a mart a dh’ionnsaigh Beinn Phòil ann am Barachois.  Agus bhiodh i 'ceangal na mart an àite a gheobhadh i biadh gu leòr agus thogadh i suibheagan air aon latha, 's an ath latha, dh’fhalbhadh i leis a’ mhart 's bheireadh i na suibheagan astaigh gu àite Gheamail.

Ach turais dha na turais, dh’fhàs na brògan cho dona 's nach, gu feumadh i paidhir bhrògan fhaighinn. Chaidh i 'staigh gu àite Gheamail is fhuair i paidhir bhrògan. Agus, nuair a thàinig i gu Creag nam Bròg, thug i dhi na brògan. Agus, co-dhiubh, cha deach i fad' air a’ rathad nuair a bhuail an òrdag mhór ann an clach. Agus, bhrist i an òrdag mhór 'na leth.

Agus, thuirt Lucy Heag, “Taing do Dhia nach robh na brògan orm!”

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn, Sruth nan Gàidheal
Tar-sgrìobhadh: Sgioba a' Phroiseigt

A comical account of people walking from Boisdale to buy supplies in North Sydney, and their practice of putting on their shoes as they approached town, and removing them on their return journey.

Eòs Labhrann Dòmhnallach

Thogadh Eòs Labhrann Dòmhnallach ann an coimhearsnachd Ghàidhealach, Baile Iarainn, faisg air Baghasdail. 'Na òige fhuair e min-eòlas air òrain is sgeulachdan an àite `s e air leth fialaidh ann a bhith `gan gabhail `s `gan aithris fad a bheatha. Rinn e obair shònraichte `s a' raon a’ clàradh beul-aithris.

Neach-aithris: Eamag Dhòmhnallach

Joe Lawrence MacDonald was raised in a Gaelic speaking community, Ironville, near Boisdale. As a young man he acquired an vast and detailed knowledge of songs and stories from the locality and was exceedingly generous in reciting and singing them throughout his life. He made a distinguished contribution to the collection of Gaelic folklore in Cape Breton